An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seata"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 1:
Ann am [[matamataig]], ’s e buidheann no seata nithean sam bith a th’ ann an '''àlach'''. Mar eisimpleir, tha na ceithir dathan: dearg, buidhe, uaine agus gorm, nam buill de dh’ àlach nan dathan uile. Ged tha bun-bheachd nan àlach simplidh, ’s e fear de na smaoineasan bunaiteach ann am matamataig nar latha an-diugh. ’S e [[teòiridh àlach]] sgoilearachd feartan nan àlach, agus tha cuid mhath de mhatamataig stèidhichte air.
 
Mar a leanas tha geàrr-chunntas bunasach de na theirear [[teòiridh àlach sìmplidh]]. Gheibh cus fiosrachadh air smaointean nas pongaile bho [[teòiridh àlach aicseamach|theòiridh àlach aicseamach]].
Loidhne 8:
’S e cruinneachadh de nithean sam bith a th’ ann an àlach. Tha na nithean seo nam '''buill''' no '''eileamaidean''' den àlach. Is àbhaisteach àlach a chomharrachadh le litir mhòr (me. ''A'', ''B'', ''C'', msaa.). Tha dà àlach co-ionnan, sgrìobhte ''A'' = ''B'', ma tha gach ball de ''A'' na bhall de ''B'' cuideachd.
 
Tha na buill de dh’ àlach matamataigeach uile eadar-dhealaichte. Chan fhaod ach aon bhall den t-seòrsa a bhith ann an àlach. Anns an seagh seo tha diofar eadar àlach matamataigeach agus cleachdadh an fhacail sa chainnt chumanta làitheil.
 
Chan eil òrdugh aig buill an àlaich. Mar eisimpleir, biodh ''A'' na àlach anns a bheil na ceithir [[àireamh]]an 2, 4, 6 agus 8. ’S urrainnear òrdugh na h-aibidil a chur riutha, no òrdugh àireamhail, no òrdugh sam bith eile ach chan eil òrdugh ann mar thà.
Loidhne 51:
::''F'' = { ''n''² − 4 : ''n'' na shlàn-àireamh; 0 ≤ ''n'' ≤ 19 }
 
Thathar a’ leughadh a’ chòilein (:) “far a bheil”, agus an iomraidh gu lèir: “Tha ''F'' na àlach àireamhanàireamh den riochd ''n''² − 4, far a bheil ''n'' na shlàn-àireamh agus tha ''n'' san raon bho 0 gu 19”.