An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Achd na Croitearachd (1886)"

Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 1:
[[File:Crofting Township.jpg|thumb|''Peighinn Choinnich'', baile chroitearachd faisg air Uige anns [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]] ]]
'S e lagh de Phàrlamaid na [[an Rìoghachd Aonaichte|Rìoghachd Aonaichte]] a tha ann an '''Achd na Croitearachd (1886)''' (uaireannan: '''Achd Chroitearachd (Alba) 1886''') a tha an sàs ann gus an latha an-diugh. Anns an achd seo chaidh mìneachadh oifigeil a chur air bhonn cò th' ann an [[Croitearachd|croitear]] agus dè tha ann an sgìre chroitearachd. Airson a chiad turais fhuair na croitearan tèarainteachd air an fhearann aca agus mar sin chuir an achd seo crìoch air [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean nan Gàidheal]].<ref>ThomsomThomson: ''The Companion to Gaelic Scotland.'' 1983, d. 237</ref> Bha i a' leantainn gu ìre mhòr na h-achdan a chaidh a stèidheachadh ann an [[Èirinn]] ann an 1870 is 1881.
 
== Ro-eachdraidh ==
Loidhne 32:
 
== Buaidh na h-achda ==
Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mun achd seo. Air an dàrna làimh bha na croitearan a' caoineadh nach deach an achd fada gu leòr, air sgàth 's nach robh cothrom aca greim fhaighinn air fearann torrach airson na croitean beaga aca a leudachadh. Agus na b' mhiosa, cha robh an achd a' dèiligeadh le suidheachadh nan coitearan, aig nach robh fearann idir. Ach an dèidh greis chunnaic iad gun robh an coimisean deònach na còirichean aca a chur gu bhuill, gu h-àraidh a thaobh tèarainteachd màil. Gu mì-fhortanach bha cion-airgid aig a' choimisean agus cha robh fearann gu leòr ann airson a thoirt do na croitearan cuideachd. Cha robh an achd a' dèiligeadh leis an duilgheadas a bu mhotha: am fearann a thoirt air ais do na croitearan. Cha robh fuasgladh ann do na cùisean far an robh an t-uachdaran agus na croitearan ag iarraidh an dearbh pìos fearainn.<ref> ThomsomThomson: ''The Companion to Gaelic Scotland.''1983, d. 237</ref>
 
Air an làimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh "''...communism looming in the future'' agus sgrìobh am pàipear-naidheachd [[The Scotsman]] gum b' e "''great infringement on the rights of private property''" a bha anns an achd seo. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 225</ref>