An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Achd na Croitearachd (1886)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Crofting Township.jpg|thumb|''Peighinn Choinnich'', baile chroitearachd faisg air Uige anns [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilean Sgitheanach]] ]]
'S e lagh de Phàrlamaid na [[an Rìoghachd Aonaichte|Rìoghachd Aonaichte]] a tha ann an '''Achd na Croitearachd (1886)/''' (uaireannan: '''Achd Chroitearachd (Alba) 1886''') a tha an sàs ann gus an latha an-diugh. Anns an achd seo chaidh mìneachadh oifigeil a chur air bhonn cò th' ann an [[Croitearachd|croitear]] agus dè tha ann an sgìre chroitearachd. Airson a chiad turais fhuair na croitearan tèarainteachd air an fhearann aca agus mar sin chuir an achd seo crìoch air [[Fuadach nan Gàidheal|Fuadaichean nan Gàidheal]].<ref>Thomsom: ''The Companion to Gaelic Scotland.'' 1983, d. 237</ref> Bha i a' leantainn gu ìre mhòr na h-achdan a chaidh a stèidheachadh ann an [[Èirinn]] ann an 1870 is 1881.
 
== Ro-eachdraidh ==
Loidhne 14:
Aig ìre phoileataigeach bhathar ag iarraidh fuasgladh laghail, mar sin chaidh Comunn Gàidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (''Highland Land Law Reform Association'') a chur air bhonn 1885 ann an [[Lunnainn]]. Cuideachd chaidh Pàrtaidh nan Croitearan a stèidheachadh, bha còignear bhuil phàrlamaid aca ann an 1885. 'S e 'Is Treasa Tuath na Tighearna' an sluagh-ghairm a bha aca.
Bha eagal air an riaghaltas gum biodh an gluasad "Home Rule" a' sguabadh thairis air a' Ghàidhealtachd cuideachd. Le agallamhan leis na croitearan air feadh na Gàidhealtachd rinn an [[Coimisean Napier]] sgrùdadh mionaideach air suidheachadh nan croitearan. Chuir iad aithisg a-mach ann an 1884. Dh’fhiach [[William Gladstone]] lagh ùr a chur tron phàrlamaid ach chaidh e a dhiùltadh san Chèitean 1885. Leig Gladstone an dreuchd aige dheth san Ògmhios 1885, ach dh'fhairlich na pàrtaidhean eile riaghaltas ùr a chruthachadh. Nuair bha Gladstone air ais san Fhaoilleach 1886 thug e an achd a-mach san [[25 an t-Ògmhios|25mh den Ògmhios]] [[1886]].
 
== An Achd ==
Loidhne 36:
Air an làimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh "''...communism looming in the future'' agus sgrìobh am pàipear-naidheachd [[The Scotsman]] gum b' e "''great infringement on the rights of private property''" a bha anns an achd seo. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 225</ref>
 
Cha do chuir an achd crìoch air strì nan croitearan, air sgàth' s gun robh [[Arthur Balfour]] dhen bheachd gun tug an achd seo ùghdarras mhoralta dha gach ùpraid a chur sìos le armachd airson ''Law and order'' ? a stèidheachadh a-rithist. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, S. 228</ref> Mar sin thàinig bàtaichean-cogaidh air ais don Eilean Sgitheanach agus [[Tiriodh]].
 
Anns na bliadhnaichean an dèidh na h-achda chaill Comunn Gàidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (a-nise fon ainm: Dionnasg an Fhearainn) agus Pàrtaidh nan Croitearan a' chumhachd phoileataigeach aca, air sgàth 's nach b' urrainn dhaibh aontachadh air ceist an fhearainn agus dè cho fad 's am biodh iad a' leantainn a' ghluasaid "Home rule" ann an Èirinn a thaobh seilbh an fhearainn.
Loidhne 43:
 
Le a bhith a' coimhead air ais ann an eachdraidh tha Hunter den bheachd gun do stèidhich an achd suidheachadh seann-fhasanta, suidheachadh gabhaltais eu-coltach ri Èirinn far an robh cothroman ann do na croitearan am fearann aca a cheannachd a rèir nan achdan "Home rule". Bha an achd gun buadhachd airson leasachadh a chur ri àiteachais agus nach do ghabh i a-steach beachdan poileataigeach is sòisealta. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 283</ref>
Ach a rèir Wightman tha Achd Chroitearachdna (Alba)Croitearachd (1886) a' sealltainn an rathaid gu ath-leasachaidhean an fhearainn ann an Alba, ged nach robh buaidh aice ach air a' Ghàidhealtachd. Chan eil fuasgladh do cheist an fhearainn ann gus an latha an-diugh air sgàth ’s gu bheil 2/3 de dh’Alba ann an làimh de 1.252 uachdaran a-mach à sluaigh de 5 millean Albannaich. (àireamhean à 2000). <ref>Wightman: ''Scotland: Land and Power.'' 2000, d. 23-29</ref>
 
== Tùsan ==