An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Achd na Croitearachd (1886)"

Content deleted Content added
Loidhne 32:
 
== Buaidh na h-achda ==
Bha beachdan eadar-dhealaichte ann mun achd seo. Air an dàrna làimh bha na croitearan a' caoineadh nach deach an achd fada gu leòr, air sgàth 's nach robh cothrom aca greim fhaighinn air fearann torrach airson na croitean beaga aca a leudachadh. Agus na b' mhiosa, cha robh an achd a' dèiligeadh le suidheachadh nan coitearan, aig nach robh fearann idir. Ach an dèidh greis chunnaic iad gun robh an coimisean deònach na còirichean aca a chur gu bhuill, gu h-àraidh a thaobh tèarainteachd màil. Gu mì-fhortanach bha cion-airgid aig a' choimisean agus cha robh fearann gu leòr ann airson a thoirt do na croitearan cuideachd. Cha robh an achd a' dèiligeadh leis an duilgheadas a bu mhotha: am fearann a thoirt air ais do na croitearan. Cha robh fuasgladh ann do na cùisean far an robh an uachdart-uachdaran agus na croitearan ag iarraidh an dearbh pìos fearainn.<ref> Thomsom: ''The Companion to Gaelic Scotland.''1983, d. 237</ref>
 
Air an làimh eile thuirt na h-uachdaran gun robh "''...communism looming in the future'' agus sgrìobh am pàipear-naidheachd [[The Scotsman]] gum b' e "''great infringement on the rights of private property''" a bha anns an achd seo. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 225</ref>
Loidhne 38:
Cha do chuir an achd crìoch air strì nan croitearan, air sgàth' s gun robh [[Arthur Balfour]] dhen bheachd gun tug an achd seo ùghdarras mhoralta dha gach ùpraid a chur sìos le armachd airson ''Law and order'' ? a stèidheachadh a-rithist. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, S. 228</ref> Mar sin thàinig bàtaichean-cogaidh air ais don Eilean Sgitheanach agus [[Tiriodh]].
 
Anns na bliadhnaichean an dèidh na h-achda chaill Comunn Gàidhealach Ath-Leasachadh an Fhearainn (a-nise fon ainm: Dionnasg an Fhearainn) agus Pàrtaidh nan Croitearan a' chumhachd phoileataigeach aca, air sgàth 's nach b' urrainn dhaibh aontachadh air ceist an fhearainn agus dè cho fad 's am biodh iad a' leantainn a' ghluasaid "Home rule" ann an Èirinn. a thaobh seilbh an fhearainn.
 
Chaidh am beachd seo a thogail a-rithist ann an Achd Chroitearachd (1976) anns an d’fhuair na croitearan cothrom a' chroit aca a cheannachd airson prìs 15 x am màl bliadhnail agus mar sin a bhith na neach-seilbh. Ach le seilbh air a' chroit chaill iad an còir air grantaichean CCAGS (''Crofting Counties Agricultural Grant Scheme''). Ann an Achd Ath-leasachaidh Fearainn (Alba) 2003 chaidh còir ceannachd a thoirt do bhuidheann coimhearsnachd croitearachd eadhon an-aghaidh miann nan uachdarain airson leasachaidhean eaconomach is sòisealta a chur air adhart. Ann an Achd Chroitearachd 2010 chuirear co-ionnanachd do luchd-gabhaltais agus luchd-seilbh, gu h-àraidh a thaobh grantaichean agus dleastanasan agus chaidh soilleireachadh nas mionaidiche a chur seachad mu neo-làthaireachd. A-nise feumaidh an neach-gabhail no an neach-seilbh a bhith a' fuireach an taobh a-staigh 32 cileameatair bhon chroit. Le sin chaidh cothrom a chruthachadh croitean nach eil air an obrachadh ceart a thoirt seachad do luchd-gabhaltais ùr.
Dieser Gedanke wurde mit dem ''Crofters Act 1976'' wieder aufgenommen, der es den Croftern ermöglichte, ihr Land zum 15-fachen Pachtpreis zu erwerben und somit zum ''owner-occupier'' (Alleineigentümer und Alleinbewohner) zu werden. Der ''Land Reform Act 2003'' geht sogar soweit, dass er den Crofting-Gemeinden das Recht einräumt, unter bestimmten Voraussetzungen das Land auch gegen den Willen des Grundbesitzers zu erwerben und als Gemeinschaftseigentum in eigener Regie zu bewirtschaften und zu verwalten. Im ''Crofting Reform (Scotland) Act 2010'' wurden die Crofter und ''owner-occupier'' gesetzlich gleichgestellt sowie die Regelung, dass die Croft bewirtschaftet werden muss, genauer definiert, damit Crofts, deren Pächter langfristig außerhalb wohnen, für den Nachwuchs frei werden.
 
Le a bhith a' coimhead air ais ann an eachdraidh tha Hunter den bheachd gun do stèidhich an achd suidheachadh seann-fhasanta, suidheachadh gabhaltais eu-coltach ri Èirinn far an robh cothroman ann do na croitearan am fearann aca a cheannachd a rèir nan achdan "Home rule". Bha an achd gun buadhachd airson leasachadh a chur ri àiteachais agus nach do ghabh i a-steach beachdan poileataigeach is sòisealta. <ref>Hunter: ''The making of the crofting community.'' 1976, d. 283</ref>