An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Škvorecký"
Content deleted Content added
ainmean leabhraichean |
|||
Loidhne 13:
Is e sgrìobhadair agus foillsichear [[An t-Seic|Seiceach]] is [[Canada|Canèideanach]] a bha ann an '''Josef Škvorecký''' (27 an t-Sultain 1924 - 3 am Faoilleach 2012). Tha uabhasan de riaghaltasan ''totalitarian'', beatha [[Eilthireachd|luchd-fuadachaidh]] agus ceòl [[jazz]] am measg nan cuspairean as bitheanta anns na leabhraichean aige.
Chrìochnaich e a' chiad nobhail aige, ''[[Zbabělci]]'' (''
Tha cuid mhath de na sgrìobhaidhean aige [[Fèin-eachdraidh|leth-fhèin-eachdraidheil]], leis a' phrìomh charactar, [[ana-gaisgeach]] Danny Smiřický, [[alter ego]] den ùghdair. Tha iad gu tric a' toirt dealbh air linn no feart àraidh na dùthcha, m.e. làithean mu dheireadh [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]]
As dèidh do na h-armailtean [[Cùmhnant Warsaw|Chùmhnant Warsaw]] briseadh a-steach dhan [[Teacoslobhaigia]] ann an 1968 airson stad a chur air an Earrach Phràg, bha aig Škvorecký agus a bhean, Zdena Salivarová, ri teichead a Chanada. Thòisich esan air teagasg ann an Oilthigh [[Toronto]], agus ann an 1971 stèidhich a' chàraid an taigh-fhoillseachaidh [[68 Publishers]]. Bha buaidh mhòr aig an taigh-fhoillseachaidh air litreachas Seiceach neo-oifigeil: mar eisimpleir, bhiodh iad a' foillseachadh sgrìobhaidhean le [[Václav Havel]] (a bhiodh na chiad cheann-shuidhe den Theacoslobhaigia as dèidh deireadh riaghaltais cho-mhaoineich ann an 1989) agus an teacsa tùsail Seiceach de ''[[Nesnesitelná lehkost bytí]]'' (''
Ann an 1982, chaidh Škvorecký ainmeachadh airson [[Duais Nobel]], ann an 1990, fhuair e Òrdugh Leòmhainn Ghil (òrdugh Seiceach as àirde) agus ann an 1992, chaidh a dhèanamh Ball Òrdugh Chanada.
|