An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Basgais"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Modifying uk:Баскійська мова
saidheans faoin
Loidhne 65:
 
Seo cuid dhe na ceanglaichean a bhathar gan cur nar sùilean nach eilear a' cur cus creidsinn ann tuilleadh:
* A chionn 's gun robh [[Rìoghachd Ìbeireach]] anns na [[Beanntan Cabhcasach]] aig àm, shaoil cuid gum biodh ceangal ann eadar a' [[Cairtbheilis|Chairtbheilis]] agus a' Bhasgais. Chaidh seo a' stèidheachadh air leasachain mar ''-adze'' ann an aimnean-àite ach chan eilear a' toirt taic ris an teòraig seo tuilleadh ged a tha cuid dhe na [[Sgoilearachd iomallach|sgoilearan iomallach]] mar Michel Morvan<ref>[http://www.people.fas.harvard.edu/~witzel/mt26s.html A Final (?) Response to the Basque Debate in Mother Tongue 1] (John D. Bengston)</ref> a' cur taic ri ceanglaichean ri cànain Chabhcasach mar [[Nokhchi]] fhathast.
* Tha cuid dhe na [[cànanaiche]]an mar [[John Bengtson]] a' cur taic ri rud air a bheil an t-uile-theaghlach [[Dene-Cabhcasach]], a' cur nar sùilean gu bheil ceangal ann eadar a' Bhasgais agus teaghlaichean-cànain san Roinn Eòrpa is ann an [[Aimearaga a Tuath]] ach tha fiù an t-uile-theaghlach Dene-Cabhcasach fhèin ro chonnspaideach.<ref name="Trask"/>
* Tha an cànanaiche [[A' Ghearmailt|Gearmailteach]] [[Theo Vennemann]] a' cur nar sùilean gu bheil [[fo-bhreath]] [[Cànain bhasgonach|basgonach]] ri fhaicinn ann an ainmean-àite na Roinn Eòrpa air sgàth seann sluagh basgonach a bha na shinnsear dhan Bhasgais.<ref>[http://www.germanistik.uni-muenchen.de/germanistische_linguistik/TV/Vennemann.htm Theo Vennemann homepage]</ref> Ach a-rithist, chan eil a' mhòrchuid dhe na sgoilearan Basgach a' gabhail ri seo.<ref name="Trask"/>