An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sankt Peterburg"

Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Adding kab:Saint-Petersburg
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] mòr air an àirde an iar-thuath [[An Ruis|na Ruise]] a th’ ann an '''Санкт-Петербург''' neo '''Sankt-Peterburg''' ([[IPA]]: sankt pʲɪtʲɪr’burk, [[Beurla]]: ''Saint Petersburg'', [[Gaeilge]]: ''Cathair Pheadair'', [[Fionnais]]: ''PietarkiPietari''). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[1703]] leis an Rìgh Peadar Mòr mar phrìomh-bhaile ùr airson an [[dùthaich]] a leasachadh is leis gu robh e na b' fhaisge air an [[Roinn Eòrpa]] na [[Moscobha]]. Tha e suidhichte ri taobh [[Abhainn|na h-Aibhne]] Neva, anns an roinn (Ruiseis: ''Okrug'') Iar-Thuath na Ruise, aig astar dhe 633km bho Mhoscobha (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 18km bho Kronshtadt agus [[Am Muir Baltach]] air an taobh thall a’ bhàigh Nevskaya Guba.<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/Country_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha 4,661,219 duine a’ fuireach anns a’ bhaile, an darna baile as motha na dùthcha.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-183 Bailtean na Cruinne]</ref>
 
Bha ainm a' bhaile gu math connspaideach fad an [[20mh linn]]. Thug Peadar Mòr ainm le coltas [[A' Ghearmailt|Gearmailteach]] air a' bhaile ùr aige is e ag iarraidh prìomh-bhaile na b' Eòrpaiche agus na b' adhartaiche. Ach b' fheudar dhan [[Tsar]] an t-ainm atharrachadh gu Petrograd aig àm [[An Cogadh Mòr|a' chiad cogaidh]] ann an [[1914]]. Chaidh an t-ainm air atharrachadh a-rithist gu Leningrad mar chuimhne air [[Vladimir Lenin|Lenin]] nuair a bha na Comannaich os cionn riaghaltas na dùthcha ann an [[1924]]. Chaidh an t-ainm tùsail a thoirt air ais ann an [[1991]] nuair a bhrist an t-[[Aonadh Sobhiat]] a-mach a chèile.
Loidhne 48:
== Ceanglaichean a-mach ==
* [http://www.fc-zenit.ru/ FC Zenit, sgioba ball-coise a' bhaile]
* [http://gov.spb.ru/ Riaghaltas a' bhaile]
* [http://www.szfo.ru/ Riaghaltas na Roinne]