An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eadar-theangachadh a' Bhìobaill gu Gàidhlig"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 2:
 
Cha b' ann ach an dèidh [[Blàr Chuil Lodair]] ann an 1746 gun do thòisich an [[Society for the Promotion of Christian Knowledge]] air Gàidhlig a chur air a' Bhìoball ann an da-rìreabh a-mach on bhliadhna 1755.<ref>Szasz, M. ''Scottish Highlanders and Native Americans: indigenous education'' (2007) td 100</ref> Anns a' chiad dol a-mach, chaidh an [[Tiomnadh Nuadh]] fhoillseachadh le [[Seumas Stiùbhart (Eaglais na h-Alba)|Seumas Stiùbhart]] (1701-1789), ministear [[Cill Fhinn|Chill Fhinn]],<ref>Foster, G. ''Language and poverty: the persistence of Scottish Gaelic'' Memorial University of Newfoundland. Institute of Social and Economic Research, 1988 </ref> agus am bàrd [[Dùghall Bochanan]] ann an 1767. Stèidhich Seumas obair air an tionndadh [[Greugais|Ghreugais]] agus chuir Dùghall piseach air a' Ghàidhlig.<ref>Jackson, R. ''Oxford Dictionary of National Biography "Buchanan, Dugald (1716–1768)" (2004)</ref><ref>Greenslade, S. (deas.) ''The Cambridge History of the Bible'' Volume 3 (1975) td 173</ref> Chaidh am Bìoball slàn fhoillseachadh mar thoradh air sin ann an 1801.<ref>Meek, Dòmhnall ''Language and Style in the Scottish Gaelic Bible (1767-1807)'' ann an ''Scottish Language'' Irisean 9-12 Association for Scottish Literary Studies </ref><ref>Koch, J. ''Celtic culture: a historical encyclopedia'' (2006) td 208</ref>
 
==Tùsan==
{{reflist}}