An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "MacBheatha na h-Alba"

Content deleted Content added
+ bocsa
bNo edit summary
Loidhne 17:
[[Àrd Rìgh]] na h-Alba bho'n 14 den [[Lùnasdal]] [[1040]] chun an 15 den Lùnasdal [[1057]]. Tha 'Mac Bethad' ann an [[Sean Ghaeilge]] a ciallachadh 'Mac a Bheatha' le ciall ruideigin coltach ri 'Fear a Choisrig.'
 
'Se mac [[Fionnlagh]] ( ''Findláech mac Ruaidrí'' ) , [[Rìgh Moireibh]], a bh'ann an MacBeatha agus 'se [[Maol Chaluim II na h-Alba|Rìgh Maol Chaluim II]] an [[seanair]] aige. Oir gun phòs Fionnlagh nighean Mhaoil Chaluim ([[Dabhdha]] no gu tric 'sa [[Laideann]] 'Dovda' ) thionnaidh a theaghlach fhèin na aghaidh agus mu dheireadh mharbh na mic-bràthair aige ; Gilla Coemhgáin agus Maol Chaluim.
 
Bhàsaich Maol Chalum ann an [[1029]] agus sheas Gilla Coemgáin mar Rìgh as a dheidh. Bhàsaich easan eadar [[1031]] agus [[1032]] a' sabaid an aghaidh Àrd Rìgh Maol Chaluim II. An deidh seo lean MacBheatha a cho-ogha mar Rìgh Mhoireibh agus phòs e banntrach Gilla Coemgáin, a Bhana-Phrionnsa [[Gruoch]], agus i fhèin na ogha Àrd Rìgh [[Coinneach III na h-Alba|Coinneach III]]. Bha mac aig Gruoch bhon a chiad duine aice, Lulach, agus sheas MacBheatha mar leas-athair ris.