An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Rugadh '''Alasdair MacMhaighstir Alasdair''', no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an [[Àird nam Murchan]], far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'[[Uibhist_a_Deas|dh'Uibhist a-Deas]] agus bha ceanglaichean làidir aca ri [[Clann Raghnaill]].
 
A-rèir [[beul-aithris]] 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu, ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à [[Gleann Eite]]. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an [[SSPCK]] (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an Eilean Fhìonain, faisg air far a bheil [[An_Gearasdan|an Gearastan]] an-diugh.
Loidhne 21:
 
[[Category:Sgrìobhadairean Albannach]]
[[Category:Bàird GàidhligGhàidhlig]]
[[Category:Gàidheil]]
[[Category:Na Seumasaich]]