An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coirce"

Content deleted Content added
b Robot: Formatting ISBN
No edit summary
Loidhne 27:
| AINM_GÀIDHLIG =
}}
'S e a th' ann an '''coirce''' (''avena sativa'') seorsa [[gràn]] no [[sìol]] a thathas a' fàs airson a' [[pòr|phòir]] aige. Thathar ga chur airson [[connlach]] do bheathaichean, (gu h-àraid [[crodh|sprèidh]] is [[each|eich]]), agus airson [[biadh]] a dhèanamh do dhaoine, mar eisimpleir mìn-choirce, no coirce air a phronnadh le inneal.
 
== Tùs ==
 
Tha coirce an latha an-diugh (avena sativa) agus mion-bhàrr eile (Avenaavena byzantina) a' buntainn ri [[coirce-fiadhain]] (avena sterilis). Thathar dhen bheachd gun tàinig e à sgìre sa [[Am Meadhan-Ear|Mheadhan-Ear]], a' gabhail a-steach pàirt dhen [[An Èipheit|Èiphit]].
 
== Àiteach ==
 
Tha coirce ga fhàs air feadh roinnean tlàth. Chan eil ach teas ìosal a dhìth air as t-samhradh, agus seasaidh e ro uisge nas fheàrr na [[gràn]] eile mar [[cruithneachd|chruithneachd]], [[seagal]] no [[eòrna]]. Mar sin dheth, tha e na bhàrr bunaiteach ann an àiteannanàiteachan far am bheil samhraidhean fliuch fionnar mar iar-thuath na Roinn Eòrpa, agus fiù 's cho fada tuath ri [[Innis Tìle]]. Tha eachdraidh mhòr aig coirce ann an Alba. 'S e lus bliadhnail a th' ann, agus thèid a chur aon chuid as t-fhoghairfhoghar (airson buain deireadh an t-samhraidh), no as t-earrach (airson buain tràth an fhoghair).
 
== Min-choirce ==
Loidhne 45:
Tha '''aran-coirce''' no '''bonnach''' na bhiadh cumanta fhathast ann an Alba. 'S iomadh chomas a th' aca; thèid a ghabhail le [[brot]] an àite [[aran]], airson [[biadh na maidne]] le [[silidh]]. Is tric a bhios daoine gan gabhail le càise, agus tha iad ri fhaicinn air clàran taighean-bidhe cuideachd. Tha aran-coirce air a dhèanamh de mhìn-choirce garbh, beagan [[geir]], [[salainn]], agus uisge teth. Thathar ga fhuine ann an [[àmhainn]], no ga bhruich air [[greideal]].
 
Tha caochladh thionndaidhean de dh' '''ULLAGullag'''. 'S e mìn-choirce tioram le [[siùcar]] a th' ann an '''ULLAG'''ullag [[Siorrachd Rois]] an Iar <ref>'''Faclan is Abairtean à Ros an Iar''' [http://www.gaelicbooks.net/store/product_info.php?cPath=19&products_id=224]
;Roy Wentworth </ref> a bhathas a' toirt do chloinn ''air an annas''. 'S e mìn-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhorlachdhòrlach le [[uisge]], [[bainne]] no [[uisge-beatha]] a th' ann an ullag [[Gallaibh|Ghallaibh]], [[Cataibh|Chataibh]] agus [[Leòdhas|Leòdhais]]. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. [[Sìol]] [[eòrna]] a bhathas a' [[caoineachadh]] ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' [[brà|bhrà]], a' cur uisge teth ris agus salann.<ref> '''Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan''';Eideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1-84158-109-7</ref>
'''Faclan is Abairtean à Ros an Iar''' [http://www.gaelicbooks.net/store/product_info.php?cPath=19&products_id=224]
;Roy Wentworth </ref> a bhathas a' toirt do chloinn ''air an annas''. 'S e mìn-choirce ùr-bhleithte, measgaichte na dhorlach le [[uisge]], [[bainne]] no [[uisge-beatha]] a th' ann an ullag [[Gallaibh|Ghallaibh]], [[Cataibh|Chataibh]] agus [[Leòdhas|Leòdhais]]. Bhathas ga ghabhail gun a bhith ga fhuine idir. An dèidh sin agus na dhèidh, tha tionndadh eile air ullag. [[Sìol]] [[eòrna]] a bhathas a' [[caoineachadh]] ann am poit, cho luath 's a bha e air a bhuain, gus an robh e donn. Bhathar an uairsin ga bhleith air a' [[brà|bhrà]], a' cur uisge teth ris agus salann.<ref> '''Faclair Gàidhlig gu Beurla Le Dealbhan''';Eideard Dwelly; Foillsichte le Gairm ISBN 1-84158-109-7</ref>
 
'S e mìn-choirce agus uachdar a th' ann an '''stapag-bharra'''; le [[siùcar]] air a chur ris uaireannan.
Line 57 ⟶ 56:
'S e deoch de mhìn-choirce ga chur mun cuairt ann an uisge fuar a th' ann am '''fuarag'''. 'S e an aon rud a bh' ann an '''deoch-gheal''' a bhite a' toirt dhan [[bò|bhò]].
 
'S e deoch de mhìn-choirce, salann agus uisge goileach a th' ann an '''stiùragstiùireag'''. Tha e tana mar [[deoch-bhrochain|dheoch-bhrochain]], seach tiugh mar [[bruthaist|bhruthaist]]. Bhite ga sìoladh agus ga toirt chun bhò.
 
'S e deoch de mhìn-choirce, [[siùcar]] no mil agus uisge-beatha a th' ann an '''ròmag'''. Bidh uachdar air a chur ris uaireannan.