An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding et:Suhkrud
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Sugar 2xmacro.jpg|thumb|250px|Criostallan siùcair fon phrosbaig]]
 
’S e '''siùcar''' an t-ainm coitcheann a th’ air stuth milis a gheibhear à cuilc an t-siùcair, no às a’ bhiatas shiùcrachshiùcarach. Faodar bathar a chruthachadh às a’ bhiatas shiùcrachshiùcarach agus à lusan eile, anns a bheil sucros na phrìomh thàth-chuid. Anns an aon teaghlach ri sucros, gheibhear glùcos , fructos (siùcar à measan) is siorap arbhair a tha air an cleachdadh le gnìomhachasan a’ bhìdh. Thathar a’ tarraing nan stuthan siùcrachsiùcarach sin à caochladh seòrsa lusan, mar as trice ann an cruth sioraip.
 
=== Eachdraidh ===
 
’S ann ann an eileanan àird a deas [[Cuan Sèimh|a’ Chuain Sèimh]] a tha tùs-àite [[cuilc]] an t-siùcair. Bho an sin, sgaoil an [[lus]] tro [[Àisia]] na h-àird an ear-dheas gus an do ràinig e [[na h-Innseachan]]. Mu 2000 RC, thòisich cultar an t-siùcair anns na h-Innseachan ann an àird an ear-thuath a’ mhòr-roinn, far an robhar a’ dèanamh siùcair às a’ chuilc. Dh’fhoghlaim muinntir nan Innseachan mar a dhèanadh iad gràinneachan tioram à sùgh an t-siùcair mu thimcheall na bliadhna 350 no ri linn Ìompaireachd Gupta.
 
Bho na h-Innseachan, shiubhail cuilc an t-siùcair agus an siùcar fhèin tro Phersia, agus chun [[An Èipheit|na h-ÈipheitÈiphite]] far an robh na h-Arabaich ga ghnàthachadh. Ràinig e [[Sìona]] mun àm sin cuideachd ach mun do ràinig e Sìona, bha na Sìonaich a’ cleachdadh siùcar na dhrùis mhilis ([[siorap]]) oir, a rèir choltais, bha e na b’ fhasa a ghiùlan anns a’ chruth sin. B’ iad manaich Bhudhach a thug leotha innleachdan ùra an siùcar a chur na ghràinneachan criostail.
 
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.