An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sionnach"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 22:
 
== Àite-còmhnaidh ==
 
Tha an toll sam bheil e a' gabhail còmhnaidh am bitheanta fon [[talamh]] no ann an sgeirean [[creag|chreag]].
 
== Beathachadh ==
 
'S e is [[biadh]] dhan t-sionnach, a' [[maigheach|mhaigheach]], an [[coineanach|coinean]], [[cearc]]an agus [[eunlaith]] de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna [[famh|faimh]], [[radan]]an, agus [[luch]]an; agus tha e ro dhèidheil air [[ubhal|ùbhlan]] agus air gach gnè meas.
 
== Gnàthachadh ==
 
Chan fhàg an sionnach a [[garadh|gharadh]] gu feasgar; agus an sin thèid e a-mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich, agus fanaidh e a-muigh gu madainn. Ged a tha e ro dhìobhalach am measg eunlaith agus uan, tha e a' dèanamh feum mòr le bhith a' cur às do iomadh creutair millteach agus gràineil. Ann an [[Iapan]], measar mar Dhiadhachd an fhogharaidh e, beathach a tha a' dìon bàrr an [[rus|ruis]].
 
Tha an sionnach ro innleachdach a chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha seo cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhacal ri duine carach agus cuilbheartach, "Gum bheil e cho seòlta ris an t-sionnach." 'S iomadh sgeul a dh' innsear mu thimcheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha e a' gnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.
 
Ann an iomadh àite den domhain, tha an sionnach a' toirt mòr-shùgradh agus àighearaighear do luchd-seilg. Chasgadh [[ruaig an t-sionnaich]] ann an [[Alba]] ann an 2002, agus ann an [[Sasann]] 's a' [[A' Chuimrigh|Chuimrigh]] air Gearran 18, 2005. Roimhe sin ann an Sasann, bhiodh na sealgairean a' marcachd an dèidh an t-sionnaich, agus ga ruagadh le [[cù|madaidhean]]; ach is tric a sgìthicheas e na coin, na h-[[each|eich]] agus na [[Sealgair]]ean; agus faodaidh e bhith, an dèidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car àstaasta mu dheireadh - gun ruig e ionad falach èiginn, agus gun tèarainn e a bheatha.
 
== Abairtean mu dheidhinn Sionnaich ==
* ''Cho seoltaseòlta ri Sionnach''.
 
* ''Cho seolta ri Sionnach''.
* ''Cho carach ris a' mhadadh ruadh''.
* ''Caoidh an t-sionnaich air a' chaora mhairbh, nach do rug i an t-uan mun do dh' fhalbh i''.
Line 45 ⟶ 41:
 
== Ceanglaichean a-mach ==
 
* [http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/leabharlann/mactalla/mactalla3.php/ Mac-Talla, Iuchar 21 1894.]
* [http://www.cairnwaterfaclair.cocom/ViewDictionaryEntry.uk/gaelicdictionary/aspx?txtSearchID=sionnach212336F669F8539EA32E540CE9FB2BAA Dwelly Air-Loidhned]
 
[[Category:Mamalan|Sionnach]]