== Eachdraidh ==
Chuireadh air bog e leis an Dr. [[Ludwick Lazurus Zamenhof]] , lighiche [[Pòlainn]]each, ann an [[1887]], agus an diugh cha mhòr nach eil dùthaich sam bith air an talamh far nach eil luchd-labhairt Esperanto. Sa mhòr-chuid de na tìrean chan eil na h-Esperantaich pailt, ach tha Esperanto laidirlàidir ann am [[Braisil]] agus àireamh ait' eile. Is ann air faclan cumanta cànanan na h-[[Eòrpa]] (gu h-àraidh nan cànan [[Laideann]]ach) a tha faclair Esperanto stèidhichte, ach tha Esperanto fada nas fhasa a dh’ dh'ionnsachadh na teanga sam bi eile, a chionn ‘s nach eil gnìomaireangnìomhairean neo-riaghailteach, mura-bhith no gnàthasan-cainnt mì-sheaghach innte. Thèid aig duine tùrail sam bith Esperanto a thogail ann an deicheamh den ùine a tha e ag iarraidh airson, can, [[Fraingis]] no [[Gearmailtis]] a dh’ dh'ionnsachadh.
== Litreachas agus eadar-theangaichean ==
Tha a’ chànan seo saidhbhir ann an litreachas eadar-theangaichte agus tùsail. Gheibhear eadar-theangaidhean Esperanto de dh’ dh'iomadach leabhar cudthromach: am [[BioballBìoball]], an [[Coràn]], am [[BhagabhadBhagavad Gita]], obraichean [[Shakespeare]], [[Goethe]], [[Dante]], [[Cervantes]], 7c. Tha eadar-theangaidhean de litreachas Esperanto ann an cànanan eile - mar eisimpleir an duan fada ''La infana raso'' (An Cinneadh Leanabail) leis a' bhàrd Esperantach Albannach Uilleam Auld ([[1924]]-[[2006]]), a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghàidhlig, còmhla ri àireamh eadar-theangaidhean eile, air duilleagan-lìn an ''Association of Esperantophone Writers'' (Esperantlingva verkista asocio)[http://www.everk.it]. Thatar a' measadh ''La infana raso'' mar sàr-obair an litreachais ann an Esperanto, agus air bhunait na h-oibre seo, chuireadh ainm Auld air adhart mar tagraiche air son [[Duais Nobel]] ann an Litreachais ann an [[1998]].
== Breithneachadh ==
Chan eil Esperanto gun breithneachadh, math is dona. Mar eiseimpleireisimpleir, bha mòran argumaidean san eachdraidh, agus thàinig cànain ùra eadar-nàiseanta as, mar "Ido" agus "Interlingua".
Am measg na beachdan an aghaidh-
|