An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Template:Sgrìobhadair
| AINM = Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill
| DEALBH =
| RUGADH = [[File:Flag of Scotland.svg|22px]] [[Peighinn nan Aoireann]] [[]] [[1919]]
| BÀS = [[File:Flag of Scotland.svg|22px]] [[]] [[]] [[]]
| OBAIR = [[litreachas]], [[Bàrdachd]]
| CÀNAN = [[Gàidhlig]]
| LINN = [[20mh linn]]
| GLUASADAN =
| CREIDEAMH = [[Eaglais Chaitligeach|Caitligeach]]
}}
 
Rugadh '''Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill''' ann am [[Peighinn nan Aoireann]] ‘sa bhliadhna [[1919]], an tritheamh leanabh ann teaghlach de cheithrear. B’e [[seanchaidh]] ainmeil a bha na athair, Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘ac Dhonnchaidh aig an robh sinnsearachd a miosg bàird [[Chlann Dhòmhnaill]], na MicRuairidh, air [[an t-Eilean Sgitheanach]]. Air taobh a mhàthair bha [[Dòmhnall Ruadh Phàislig]] aige mar uncle agus b’e Aonghas MacGill-Eathain, Am Pìobaire Bàn, a’ shean-seanair. Bho uncle, Niall, fhuair è eòlas air beul-aithris agus bàrdachd na fillidh cliùmhor. Bha buaidh sònraichte aig pìosan Iain MacCodruim agus dh’ionnsaich e na riaghaltan tradiseanta airson rannan Gàidhlig a bhuineadh ris na 17mh agus 18mh linntean.
 
Aig aois 18 ghabh àite anns [[a’ Mhailisidh]]. Dà bliadhna an deidh sin, thòisich an [[Dara Cogadh Mòr]]. “Mu dheireadh thall!” thuirt e ris a phiuthair Anna nuair a chuala è an naidheachd. Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dhà fhèin cho borb ‘sa bha cogadh. ‘S an t-Òg mhìos [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] de’n t-àrm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt oir. Cha robh fhaca ach gunnaichean laimh agus iad a sabaid an aghaidh tancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chuir sìos gus nach biodh an coir bàs ann.
Cha robh fad sam bith mus robh cothrom aig Dòmhnall Iain faicinn dhà fhèin cho borb ‘sa bha cogadh. ‘S an t-Òg mhìos [[1940]], agus iad faisg gu leòr air na tràighean an [[Dunkirk]] a mhuir amharc, chaidh an [[Dibhisean Gàidhealach]] de’n t-àrm fhàgail ‘san [[An Fhraing|Fhraing]], agus na naoi Airmean aig [[Erwin Rommel|Rommel]] mun cuairt oir. Cha robh fhaca ach gunnaichean laimh agus iad a sabaid an aghaidh tancaichean Gearmailteach. Mu dheireadh fhuair iad an òrdugh an gunnaichean a chuir sìos gus nach biodh an coir bàs ann.
 
Anns an leabhar aige, [[Fo Sgàil a’ Swastika]], thug Dòmhnall Iain seachad cunntas dha na bliadhnachan a chaith e fhèin ‘sa chompanach fo smachd na [[Gearmailteach]] agus iad beò ann an campaichean mar prìosanaich agus iad ag obair ann am meinnichean-salainn agus cuaraidhean. Ach, bha gu leòr càirdeas ri lorg a miosg na prìosanaich cuideachd agus thuirt è mun tìde sin “Dh’ionnsaich mi barrachd anns na còig bliadhna sin na b’ urrainn dhomh ann an ceithir fichead bliadhna de bheatha àbhaisteach.”