An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Matamataig"

Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Removing gag:Kategoriya:Matematika
Loidhne 11:
== Eachdraidh ==
 
Dh'fhàs am matamataig bhon [[cunntas|chunntadh]], an [[tomhas]], agus a' bheachdachadh air [[cumadh]], [[cruth]] agus gluasad nithean. Bha e riatanach anns a' [[malairt|mhalairt]], an [[ailtireachd]], a' [[ceòl|cheòl]], [[reul-eòlas]] agus dealbhadh nan [[uidheam-cogaidh]]. Tha leasachaidhean nan smuaintean tùsail am follais anns na sgrìobhaidhean àrsaidh bhon [[An Eiphit|Èipheit]], [[Measophotaim]] agus [[na h-Innseachan]] ach b' e na Sean-Greugaich a thug a' phongalachd ris. Bhon linn sin thàinig ach piseach bheag anns an [[Roinn-Eòrpa]] gus an [[16mh Linn]]. Nuair sin, rè Linn an [[Ath-bheothachadh|Ath-bheothachaidh]], thòisich leudachadh mòr luath a mhaireas an diugh. Chan eil ach beag nar latha an diugh aig nach eil matamataig san teis-meadhan agus tha matamataig a' cheart cho riatanach dhuinne 's a bha e dar sinnsirean. Agus thàinig seo uile bhon tuigse gu bheil riaghailtean cunntadh na pònarach iomchaidh do chunntadh an [[airgead-sgaoilidh|airgid]] no do chunntadh an rud sam bith eile. 'S ann leis a' chunntadh fhèin a tha na riaghailtean seo. Anns an aon dòigh tha riaghailtean le cumaidhean, le cruthan agus le caochladh – nithean uile a tha easchruthach.
 
Tha na h-innealan easchruthach matamataigeach feumail do cheistean doirbh a dh'fhuasgladh anns na saidheansan, an [[innleadaireachd]], [[eòlas-leighis]], a' mhalairt, [[eaconamachd]] agus iomadh raon eile. 'S e ''matamataig gnìomhaichte'' a theireadh ri seo mar dealachadh a dhèanamh bho ''mhatamataig ghlan'' (no [[teòiridheach]]). 'S e am fuasgladh a tha cudromach ann am matamataig gnìomhaichte. Far nach eil fìor fhuasgladh ann, bidh seòl ann gus fuasgladh fhaighinn a tha cho dlùth ris an fhìor fhuasgladh 's a tha riatanach. Ach chan e seo fuasgladh idir do ghlan-mhatamataiche. Mar a thuirt fear dhiubh: tha cuid a tha a' smaoineachadh nach eil e gu diofar agus cuid eile aig a tha fios gu bheil.