An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Škvorecký"

Content deleted Content added
No edit summary
b ups
Loidhne 15:
Chrìochnaich e a' chiad nobhail aige, ''Zbabělci'' (''[[Na Cladhairean]]''), ann an 1949, ach cha deach an leabhar air fhoillseachadh gus 1958, agus bha e air a bhacadh gu luath. Chum Škvorecký a' sgrìobhadh sgeulachdan agus nobhailean, ged nach b' urrainn do chuid mhòr de na leabhraichean aige nochdadh an clò mus an dàrna leth de na 60an den 20mh linn, a chionn agus a bha iad glè bhiorach no eadhon sgeigeil mu dheidhinn an nàisein agus mu dheidhinn [[Co-mhaoineas|co-mhaoineis]].
 
Tha cuid mhath de na sgrìobhaidhean aige [[Fèin-eachdraidh|leth-fhèin-eachdraidheil]], leis a' phrìomh charactar, [[ana-gaisegachgaisgeach]] Danny Smiřický, [[alter ego]] den ùghdair. Tha iad gu tric a' toirt dealbh air linn no feart àraidh na dùthcha, m.e. làithean mu dheireadh [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]] anns ''Na Cladhairean'', Seirbheis Nàiseanta ann an ''Tankový prapor'' (''Cath-buidheann nan Tancaichean''), air neo bliadhnaichean adhradh [[Eòsaph Stalin|Stalin]] aig toiseach nan caogadan agus na mìosan mu thimcheall an [[Earrach Phràg]] ann an 1968 ann am ''Mirákl'' (''[[Mìorbhail]]''). Ge-tà, bha leabhraichean eile aige, mar cruinneachaidhean sgeulachdan fir-rannsachaidh le ana-gaisgeach eile, Leifteanant Borůvka, gu math soirbheachail mar an ceudna.
 
As dèidh do na h-armailtean [[Cùmhnant Warsaw|Chùmhnant Warsaw]] briseadh a-steach dhan [[Teacoslobhaigia]] ann an 1968 airson stad a chur air an Earrach Phràg, bha aig Škvorecký agus a bhean, Zdena Salivarová, ri teichead a Chanada. Thòisich esan air teagasg ann an Oilthigh [[Toronto]], agus ann an 1971 stèidhich a' chàraid an taigh-fhoillseachaidh [[68 Publishers]]. Bha buaidh mhòr aig an taigh-fhoillseachaidh air litreachas Seiceach neo-oifigeil: mar eisimpleir, bhiodh iad a' foillseachadh sgrìobhaidhean le [[Václav Havel]] (a bhiodh na chiad cheann-shuidhe den Theacoslobhaigia as dèidh deireadh riaghaltais cho-mhaoineich ann an 1989) agus an teacsa tùsail Seiceach de ''Nesnesitelná lehkost bytí'' (''[[An t-Aotromachd Mhì-sho-fhulang de Bhith]]'') le [[Milan Kundera]] (ann an 1985; bha eadar-theangachadh Frangach, ''L'Insoutenable Légèreté de l'être'', air fhoillseachadh ann an 1984).