Content deleted Content added
→‎Josef Škvorecký: taing is ceist
No edit summary
Loidhne 9:
:Wow, mòran taing a charaid! Agus chì mi nach do rinn mi cho mòran mhearachdan 's a bhithinn an dùil a bharrachd... :-)
:Ge-tà, mu dheidhinn '''T'''eiceach an aghaidh '''S'''eiceach (oir tha a' cheist seo nam eanchainn airson nam bliadhnaichean) - tha fhios agam gur ann nas àbhaistiche an cruth le "S" ach a bheil adhbhar fuaimneachaidh airson sin? Dha mo chluasan 's ann an /tʃ/ ann an Čech, Czech, Tscheche, Tchèque amsaa gu math nas fhaisge air /tʲ/ aig na faidhlean-fuaime AFB na air /ʃ/ - no as fhearr le daoine "S" oir tha /tʲ/ mar an seo [http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/16908110] eadhon nas fhaide? (Eadar dà sgeul, an e am blas ainmeil Leòdhasach a th' ann?) --[[User:Thrissel|Thrissel]] 15:59, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)
 
::'S e do bheatha :)
::Tha /ʃ/ an àite /tʃ/ is /dʒ/ na Beurla dìreach nas cumanta, gu tradaiseanta, cf seòclaid, seacaid (jacket), seud (jade), seannsair (chanter), seithear (chair) etc. Ged a tha /tʃ/ nas fhaisge air /tʲ/ ann an inntinn fuaim-eòlaichean, saoilidh mi gu bheil e nas fhaisge air /ʃ/ ann an inntinn nan daoine aig a bheil i on ghlùn. Deletion, seach gluasad place of articulation? 'S mathaid gu bheil beagan backformation a' dol cuideachd. [[User:Akerbeltz|Akerbeltz]] 17:57, 6 dhen Ghearrain 2012 (UTC)