An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Škvorecký"

Content deleted Content added
b r2.7.2+) (Robot: Modifying no:Josef Škvorecký
No edit summary
Loidhne 11:
}}
 
Is e sgrìobhadair agus foillsichear [[An t-Seic|TeiceachSeiceach]] is [[Canada|Canèideanach]] a bha ann an '''Josef Škvorecký''' (27 an t-Sultain 1924 - 3 am Faoilleach 2012). Tha uabhasan de riaghaltasan ''totalitarian'', beatha [[Eilthireachd|luchd-fuadachaidh]] agus ceòl [[jazz]] am measg nan cuspairean as bitheanta anns na leabhraichean aige.
 
Chrìochnaich e a' chiad nobhail aige, ''Zbabělci'' (''[[Na Cladhairean]]''), ann an 1949, ach cha deach an leabhar air fhoillseachadh gus 1958, agus bha e air a bhacadh gu luath. Chum Škvorecký a' sgrìobhadh sgeulachdan agus nobhailean, ged nach b' urrainn do chuid mhòr de na leabhraichean aige nochdadh an clò mus an dàrna leth de na 60an den 20mh linn, a chionn agus a bha iad glè bhiorach no eadhon sgeigeil mu dheidhinn an nàisein agus mu dheidhinn [[Co-mhaoineas|co-mhaoineis]].
 
Tha cuid mhath de na sgrìobhaidhean aige [[Fèin-eachdraidh|leth-fhèin-eachdraidheil]], leis a' phrìomh charactar, [[ana-gaisegach]] Danny Smiřický, [[alter ego]] den ùghdair. Tha iad gu tric a' toirt dealbh air linn no feart àraidh na dùthcha, m.e. làithean mu dheireadh [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]] anns ''Na Cladhairean'', Seirbheis Nàiseanta ann an ''Tankový prapor'' (''Cath-buihdheannbuidheann nan Tancaichean''), air neo bliadhnaichean adhradh [[Eòsaph Stalin|Stalin]] annsaig natoiseach còigeadannan tràthacaogadan agus na mìosan mu thimcheall an [[Earrach Phràg]] ann an 1968 ann am ''Mirákl'' (''[[Mìorbhail]]''). Ge-tà, bha leabhraichean eile aige, mar cruinneachaidhean sgeulachdan fir-rannsachaidh le ana-gaisgeach eile, Leifteanant Borůvka, gu math soirbheachail mar an ceudna.
 
As dèidh do na h-airmailteanarmailtean [[Cùmhnant Warsaw|Chùmhnant Warsaw]] briseadh a-steach dhan [[Teacoslobhaigia]] ann an 1968 airson stad a chur air an Earrach Phràg, bha aig Škvorecký agus a bhean, Zdena Salivarová, ri teichead a Chanada. Thòisich esan air teagasg ann an Oilthigh [[Toronto]], agus ann an 1971 stèidhich a' chàraid an taigh-fhoillseachaidh [[68 Publishers]]. Bha buaidh mhòr aig an taigh-fhoillseachaidh air litreachas TeiceachSeiceach neo-oifigeil: mar eisimpleir, bhiodh iad a' foillseachadh sgrìobhaidhean le [[Václav Havel]] (a bhiodh na chiad cheann-shuidhe den Theacoslobhaigia as dèidh deireadh riaghaltais cho-mhaoineich ann an 1989) agus an teacsa tùsail TeiceachSeiceach de ''Nesnesitelná lehkost bytí'' (''[[An t-Aotromachd Mhì-sho-fhulang de Bhith]]'') le [[Milan Kundera]] (ann an 1985; bha eadar-theangachadh Frangach, ''L'Insoutenable Légèreté de l'être'', air fhoillseachadh ann an 1984).
 
Ann an 1982, chaidh Škvorecký ainmeachadh airson [[Duais Nobel]], ann an 1990, fhuair e Òrdugh Leòmhainn Ghil (òrdugh TeiceachSeiceach as àirde) agus ann an 1992, chaidh a dhèanamh Ball Òrdugh Chanada.
 
==Iomraidhean==