An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "'S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair"

Content deleted Content added
No edit summary
bNo edit summary
Loidhne 1:
Tha an laoidh, ''''S e an Tighearna Fhein Mo Chiobair''', steidhichte air an taing a thug Righ Daibhidh do Dhia an deidh dha greim fhaighinn, gu sitheil, air an rioghachd aige agus e beo ann an am soibhreas agus doigh.
Thuirt [[Iain Calvin]] mu’n laoidh, agus e a tarruing bho na thuirt Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn oran nas fhearr, no nas freagarach, na Sailm Daibhidh, a chaidh an labhairt tro’n Spiorad Naomhail…nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn bhith cinnteach gur e Dia a tha a cuir na facail nar beoil, mar gum biodh E Fhein a seinn tromhainn gus a Ghloir a mholadh.”
‘S e Leabhair nan Sailm ans a’ Bhioball a chiad laoidheadair. Trobh eachdraidh bha Criosdaidhean airson leantainn ordugh a Bhiobull adhradh dheanamh agus Dia a mholadh. Bha aite sonraichte aig [[Salm 23]] mar aon de na pios is cordte mar “Laoidh a Chiobair”.
Tha an laoidh, mar a dh’aithnicheas sinn e an diugh, air a tharruing bho dhiofar phiosan bardachd agus diofar laoidhean. A miosg na daoine a chuir an laimh ris bha Zachary Boyd, ministir am Barony Church an Glaschu agus iar-Sheansalair Oilthigh Ghlaschu a sgriobh rannan Sailm 23 an 1646; an Ridire Uilleam Mure ‘o Rowallan, a bha na shaighdear le Oliver Cromwell anns an cogadh siobhalta agus Francis Rous a bha cuideachd a toirt taic dha Cromwell agus a bha na Bhall-Parlamaid airson Truro anns am parlamaid ‘Barebones’ agus a chruthaich bardachd a chaidh a chleachdadh anns an psalter de 1650 - e an dreach air a bheil sinn is eolach san latha an diugh.