An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Josef Škvorecký"

Content deleted Content added
ullamh
b len
Loidhne 17:
Tha cuid mhath de na sgrìobhaidhean aige [[Fèin-eachdraidh|leth-fhèin-eachdraidheil]], leis a' phrìomh charactar, [[ana-gaisegach]] Danny Smiřický, [[alter ego]] den ùghdair. Tha iad gu tric a' toirt dealbh air linn no feart àraidh na dùthcha, m.e. làithean mu dheireadh [[An Dàrna Cogadh|an Dàrna Cogaidh]] anns ''Na Cladhairean'', Seirbheis Nàiseanta ann an ''Cath-buihdheann nan Tancaichean'', air neo bliadhnaichean adhradh [[Eòsaph Stalin|Stalin]] anns na còigeadan tràtha agus na mìosan mu thimcheall an [[Earrach Phràg]] ann an 1968 ann an ''[[Mìorbhail]]''. Ge-tà, bha leabhraichean eile aige, mar cruinneachaidhean sgeulachdan fir-rannsachaidh le ana-gaisgeach eile, Leifteanant Borůvka, gu math soirbheachail mar an ceudna.
 
As dèidh do na h-airmailtean [[Cùmhnant Warsaw|Chùmhnant Warsaw]] briseadh a-steach dhan [[Teacoslobhaigia]] ann an 1968 airson stad a chur air an Earrach Phràg, bha aig Škvorecký agus a bhean, Zdena Salivarová, ri teichead a Chanada. Thòisich esan air teagasg ann an Oilthigh [[Toronto]], agus ann an 1971 stèidhich a' chàraid an taigh-fhoillseachaidh [[68 Publishers]]. Bha buaidh mhòr aig an taigh-fhoillseachaidh air litreachas Teiceach neo-oifigeil: mar eisimpleir, bhiodh iad a' foillseachadh sgrìobhaidhean le [[Václav Havel]] (a bhiodh na chiad cheann-shuidhe den Theacoslobhaigia as dèidh deireadh riaghaltais cho-mhaoineich ann an 1989) agus an teacsa tùsail Teiceach de ''Nesnesitelná lehkost bytí'' (''[[An t-Aotromachd Mhì-sho-fhulang de Bhith]]'') le [[Milan Kundera]] (ann an 1985; bha eadar-theangachadh Frangach, ''L'Insoutenable Légèreté de l'être'', air fhoillseachadh ann an 1984).
 
Ann an 1982, chaidh Škvorecký ainmeachadh airson [[Duais Nobel]], ann an 1990, fhuair e Òrdugh Leòmhainn Ghil (òrdugh Teiceach as àirde) agus ann an 1992, chaidh a dhèanamh Ball Òrdugh Chanada.