An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sionnachan-mara"
Content deleted Content added
b Milky seas effect air a ghluasad a Sionnachan-mara |
No edit summary |
||
Loidhne 1:
[[Image:Milky sea.jpg|thumb|200px|right|
'S e '''sionnachan-mara''' an t-ainm air rud a gheibhear air a' chuan 's [[teine-sionnachan]] a' nochdadh air raon mòr dhen chuan, suas ri 6,000 mìle ceàrnagach dheth. 'S e [[lobhag|lobhagan]] a bhios ag adhbharachadh seo agus tha iad a' cruthachadh solas gorm uaigealta.
==Fionn-sgeulan==
Tha iomadh fionn-sgeul a' toirt luaidh air an rud seo, a' dol air ais na ceudan de bhliadhnaichean agus bidh mòran eòlach air an sgeul aig [[Jules Verne]], [[Fichead mìle aitheamh fon mhuir]], far a bheil sionnachan-mara a' nochdadh.
==An saidheans==
Cha deach rannsachadh saidheansail a dhèanamh air ach o chionn goirid, ged a chaidh a chlàradh 235 turas a-mach o 1915, gu h-àraidh ann an [[Cuan Innseanach|Cuan nan Innseachan]] faisg air an [[Innd-Innse]].
Shoirbhich le soitheach-rannsachaidh sa [[Muir Arabach|Mhuir Arabach]] sampall dhen t-sàil a thogail rè sionnachain-mhara agus cho-dhùin iad, an dèidh rannsachadh a dhèanamh air, gur e an lobhag ''[[Vibrio harveyi]]'' a tha 'ga adhbharachadh.
Chaidh aig neach-rannsachaidh, Steven Miller o dheuchainn-lann mara ann am [[Monterey, California|Monterey]] ann an 2005 [[Saideal|dealbh-saideil]] a cheangal ri cunntas a rinn soitheach-malairt air sionnachan-mara. A-rèir an deilbh, bha an làrach mu 15,400-km² a mheud agus bha e a' dol fad trì oidhcheannan.
*[http://www.lifesci.ucsb.edu/~biolum/organism/milkysea.html Detailed discussion and images of milky sea observation]▼
Ged a tha coltas geal air ann an dealbhan, tha solas nan lobhagan gorm ach a chionn 's nach eil e ri fhaicinn ach air an oidhche, chan fhaic mac an duine ach solas geal dheth.
*[http://news.bbc.co.uk/1/hi/sci/tech/3760124.stm BBC News: 'Milky seas' detected from space]▼
== Tùsan is barrachd leugaidh ==
▲*[http://www.lifesci.ucsb.edu/~biolum/organism/milkysea.html
▲*[http://news.bbc.co.uk/1/hi/sci/tech/3760124.stm
*Miller, S.D., S.H.D. Haddock, C.D. Elvidge, T.F. Lee. Detection of a bioluminescent milky sea from space. Proceedings of the National Academy of Sciences. v102:14181-14184 [http://www.pnas.org/cgi/content/abstract/102/40/14181?maxtoshow=&HITS=10&hits=10&RESULTFORMAT=&fulltext=Milky+seas&searchid=1&FIRSTINDEX=0&resourcetype=HWCIT Abstract]
*Nealson, K.H. and J.W. Hastings (2006) Quorum sensing on a global scale: massive numbers of bioluminescent bacteria make milky seas Appl. Environ. Microbiol. 72:2295-2297. [http://aem.asm.org/cgi/content/full/72/4/2295?maxtoshow=&HITS=10&hits=10&RESULTFORMAT=&author1=hastings&author2=nealson&searchid=1&FIRSTINDEX=0&resourcetype=HWCIT Manuscript]
[[Category:
[[Category:
[[ar:بحر محترق]]
|