An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bonn (a' Ghearmailt)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 28:
‘S e làrach cràbhach ri linn Iompaireachd [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] a bh’ann Bonn. Bha am baile am broinn na sgìrean a bha fo bhuaidh nan [[easbaig]]-prionnsa-taghadair à [[Köln]] bhon [[8mh Linn]] gu ruige deireadh an [[13mh Linn]] is bha iad a’ fuireach an seo cuideachd. Mar dhìleab na làithean spaideil sin, tha am baile làn toglaichean ann an stoidhle barroc,<ref>[http://larocheusa.org/Duren.htm Larocheusa]</ref> mar eisimpleir oifisean an Oilthigh agus an Lùchairt Poppelsdorf, a bharrachd air taighean mòra bho deireadh an [[19mh Linn]] agus feadhainn eile ann an stoidhl art nouveau. Cha b’urrainn dhan [[Ath-Leasachadh]] càil a dheànamh an seo leis cho làidir ‘s a bha an [[Eaglais Chaitligeach]] ann am Bonn.<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World 66]</ref> Bha athar [[Ludwig van Beethoven]] ([[1770]] – [[1827]]) na òrganaiche fon phrionnsa-taghadair mu dheireadh ann am Bonn. <ref>[http://www.alemania.net/bonn-la-ciudad-de-ludwig-van-beethoven/ Alemania]</ref> Ann an [[19mh Linn]], an dèidh mì-bhuaidh Napoléon,<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World66]</ref> ghabh [[A’ Phrùis|Rìoghachd na Prùise]] sealbh air Bonn. <ref>[http://www.bbgerman.com/german-cities-bonn.html BB German]</ref>
 
Ghabh saighdearan à [[Canada]], [[Sasainn]] agus [[An Fhraing]] sealbh air Bonn an dèidh a chèile bho chrìoch [[An Cogadh Mòr|a’ Chogaidh Mhòir]] gu ruige [[1926]]. <ref>[http://www.britishpathe.com/record.php?id=81060 Pathé]</ref> Ri linn an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] bha mu 1,000 de dhaoine, gu h-àraidh [[Iùdhachd|Iùdhaich]], nan ìobairtean nan Nàsach. chaidh 8,000 eile a thoirt air falbh gu campaichean a’ bhàis neo a sgapadh thall thairis. Ann an [[1945]] ‘s e na Sasannaich a ghabhail sealbh air a’ bhaile.
 
Chaidh Bonn a thaghadh mar [[Prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]] ùr na [[dùthaich|dùthcha]] (an àite [[Frankfurt]]) an dèidh a’ chogaidh oir chaidh an dùthaich a sgaradh ann an dà stàit is bha [[Berlin]] air a mhilleadh. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile Poblachd Feadarail na Gearmailte bho [[1949]] gu ruige [[1990]], nuair a thaghadh Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist, mar thoradh Aonadh na Gearmailte. Chaidh obair an Riaghaltais a ghluasad air ais do Bherlin uile gu lèir mu dheireadh thall ann an [[1999]].<ref>[http://www.buzer.de/gesetz/2318/a32482.htm Buzer]</ref>