An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chàisg"

Content deleted Content added
b r2.6.5) (robot Adding: ang:Ēaster
Loidhne 7:
Nuair a bithear a’ coimhead air an ainm "Càisg" anns na cànanan diofraichte, chithear gu bheil dà sheòrsa ann, ainmean ceangailte ri “''Pessach''” agus ainmean ceangailte ri “''Ostern/Easter''”.
 
Tha dlùth-cheangal ann eadar an fhèis Chrìosdail agus an fhèis mhòir [[Iùdhachd|Iùdhaich]] “[[Pessach]]”. Dh’atharraich am facal [[Ebhra]] ''Pessach'' gu ''Pascha'' sa [[Greugais|Ghreugais]] agus gu [[Laideann|Laidinn]]. Ann an tòrr chànanan Eòrpach cleachdar ainmean a tha ceangailte ris an fhacal Laidinn, mar eisimpleir canar ''la Pascua'' san [[Spàinntis]] neo ''Pasqua'' san [[Eadailtis]], ''påsk'' san t-[[Suainis]], [[Ruiseis]]: Пасха (= Pas-cha) ris an fhèis seo.
 
'S e an aon rud anns na cànanan Breatannach. Canar ''Pasg'' ann an [[Cuimris]] agus ''Pask'' ann am [[Breatainnis]] agus ann an [[Còrnais]]. Chaidh am facal Breatannach iosaid bhon Laidinn, agus chun na Gàidhlige Àrsaidh, agus am fuaim /p/ air atharrachadh gu Q /kw/ (an Linn Oghaim). Dh'atharraich am fuaim /kw/ gu /k/ ro àm na Seanghaeilge, mar sin ‘s e ''Càisg'' ann an [[Gàidhlig]], ''Cáisc'' sa [[Gaeilge]] agus ''Caisht'' ann an [[Gàidhlig Mhanainn|Gàidhlig Mhannain]].