An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Erfurt"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 15:
| DUILLEAG = http://www.thueringen.de
}}
‘S e [[baile]] mòr ann an cridhe [[A' Ghearmailt|na Gearmailte]] a th’ ann am '''Erfurt''' ([[IPA]]: ''''ɛʁfʊʁt'''). ‘S ann às na Thuringii, seann treubh Gearmailteach a bha nan tàmh an seo mu [[500]] a th’ann an ainm ach chaidh e a chlàradh airson a’ chiad turas mar Erphesfurt ann an sgrìobhainn eaglaiseil ann an [[742]]. Tha e suidhichte aig 200m os cionn ìre na [[Muir|mara]] anns an t-srath Thüringen, ri taobh [[Abhainn|na h-aibhne]] Gera, anns an stàit [[Thüringen]] agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 236km air falbh bho [[Berlin|Bherlin]] agus 100km bho [[Leipzig]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com Distance Calculator]</ref> ‘S e ''Kreisfreie Stadt'' neo baile neo-eisimeileachd a th’ ann agus tha dà oilthigh an seo, am Fachschule agus [[Oilthigh Erfurt]]. Tha 202,929 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 37mh baile nas motha na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-61 Bailtean as motha na cruinne]</ref> Tha am Pàirc Nàdarra Steigerwald dìreach ann an ceann a deas a’ bhaile.<ref>[http://www.steigerwald-info.de/ Steigerwald]</ref>
 
==Eachdraidh==
Bha Erfurt uabhasach cudromach ann am malairt le glas-lus fad na meadhan aoisean o chionns gu robh e dìreach ri taobh ath tarsainn na h-aibhne Gera. Gu mì-fhortanach bha streath dhe ionnsaighean an aghaidh nan [[Iùdhachd|Iùdhach]] an dèidh na Plàighe ann an [[1339]]. Chaidh mu cheud a mharbhadh is theich càch. Chaidh oilthigh a stèidheachadh an seo ann an [[1392]], is thug [[Martin Luther]] ceum an seo. Chaidh e a dhùnadh ann an [[1816]]. Bha am baile fo bhuaidh Mhainz bho [[1664]] gu ruige [[1802]], is an uair sin bha e am broinn na [[A’ Phrùis|Prùise]]. Ghabh na [[An Fhraing|Frangaich]] thairis am baile bho [[1806]] gu ruige [[1815]]. ‘S e baile prùisianach a bh’ann gu ruige [[1944]]. Ged an do tug na [[Sasainn|Sasainnich]] agus na [[Na Stàitean Aonaichte|Aimearaganaich]] ionnsaighean cruaidh air a’ bhaile le plèanaichean is bomaichean làidir aig deireadh [[An Dàrna Cogadh]], cha do rinn iad droch sgrios is milleadh airsan idir. Chaill e gu na h-Aimearganaich ann [[An Giblean]] [[1945]]. Bha Erfurt am broinn A’ Gearmailt an Ear bho [[1949]] gu ruige [[1989]].
 
== Daoine ainmeil ==