An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
B’ e '''Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia''' ([[Pòlais]]: Rzeczpospolita Korony Polskiej i Wielkiego Księstwa Litewskiego, [[Liotuànais]]: Abiejų Tautų Respublika) stàit air an àirde an ear na Roinn Eòrpa a mhair bho [[1569]] gu ruige [[1795]] is e ga stiùireadh eadar [[A' Phòlainn]] agus [[Liotuàinia]]. Chaidh an stàit seo a sgaradh eadar [[An Ostair]], [[An Ruis]] agus [[A’ Phrùis]] mean air mhean tron [[18mh Linn]] gus a an deach e à bhith.
 
‘S e stàit mhòr air a sgaoileadh tro na tìrean a bha fo bhuaidh na Pòlainn is Liotuàinia roimhe, air a stèidheachadh air aonaidhean is còrdaidhean eatorra a bh’ann an Co-fhlaitheas, gu h-àraidh an dèidh Aonadh Krew ([[1386]]).<ref>Jučas, Mečislovas (2000), Lietuvos ir Lenkijos unija, Aidai, ISBN 9986-590-95-7</ref> Bha siostam poiliteagach anabarrach ann, air an robh [[Deamocrasaidh]] nan Uachdaran neo Saorsa an Òir, far an robh cumhachdan an rìgh fo bhuaidh na Sejm ([[Gàidhlig]]: [[Pàrlamaid]]) agus nan [[Uachdaran]].<ref>[http://www.sciaga.pl/tekst/69476-70-historia_sejmu_polskiego Sciaga]</ref> ‘S e roi-ruithear a’ dheamocrasaidh, na monarcachd bhun-reachdail agus na feadaraileachd a th’ann an latha an-diugh a bh’ann an siostam siud. Gu foirmeil, bha an dà stàit co-ionnan ach ‘s e leis A’ Phòlainn a bha làmh an uachdair.<ref>[http://es.poland.gov.pl/La,Rep%C3%BAblica,de,las,dos,Naciones,1096.html Riaghaltas na Pòlainn]</ref> Bha àite uabhasach làidir aig an [[Eaglais Chaitligeach]] anns a’ Phoblachd, ged an robh an dùthaich gu math ceadach taobh [[creideamh|chreideamhan]], rud a dh’atharrachadh mean air mhean tro na linntean.<ref>Byzanz und Ostmitteleuropa, 950-1453, Herausgegeben von Günter Prinzing und Maciej Salamon, Otto Harrassowitz Verlag, 1999, ISBN 9783447041461</ref> ‘S e [[àiteachas]] a bha aig cridhe an [[eaconomaidh]]. Bha a h-uile càil math airson an dà nàisean aig an toiseach, tron aois an òir mar a chanadh e, ach bha an dàrna linn beagan na bu chruaidh dhuibh: call armailteach, [[ar-a-mach]] nan croitear, buaireas poiliteagach. A bharrachd air sin, chaidh [[Bun-Reachd]] nàiseanta a chur air chois mus do deach an Co-fhlaitheas à bhith ([[1505]], is e an dàrna fear as aosda ann an eachdraidh na cruinne a bh’ann.<ref>[http://www.poland.gov.pl/ Riaghaltas na Pòlainn]</ref> Tha e inntinneach gur robh an t-ainm ann am Pòlais a’ ciallachadh Poblachd Crùn na Pòlainn agus na Diùcachd Mòire Liotuàinia,<ref>[http://dict.pl/dict_iso Dict]</ref> leis gur e A’ Phòlainn a bha a’ stiùireadh na stàite. Tha an t-ainm anns an Liotuanais a’ ciallachadh dìreach Poblachd na Dà Nàisein.<ref>[http://www.lingvozone.com/LingvoSoft-Online-English-Lithuanian-Dictionary Lingvozone]</ref>
 
Bha freumhan na Diùcachd Mòire Warsaw, air a steidhicheadh ann an [[1807]],<ref>[http://www.wirtualnafrancja.com/histoire/pologne-17.php Wirtualna Francja]</ref> anns a’ Cho-fhlaitheas, a thuilleadh air gluasadan ath-bheothachaidh eile a nochd ri linn ar-a-mach an Fhaoilleach ([[1863]] – [[1864]])<ref>The attitude of the French Parliament to the Polish insurrection of 1861-1864, Gleb Bogoiavlensky, University of Washington, 1943</ref> agus anns an [[1920an]], is fiù’s an iomairt neo-tharbhach a rinn Józef Piłsudski gus stàit fheadarail a chruthachadh, fo stiùireadh na Pòlainn, air am biodh Międzymorze ("eadar na cuantan"), le Liotuàinia agus [[An Ùcrain]] na bhroinn. ‘S e Poblachd na Pòlainn nar làithean fhèin a th’ann stàit-leantainneach a’ Cho-fhlaitheis.<ref>[http://www.polishnews.com/index.php?option=com_content&view=article&id=507:jozef-pilsudski-and-the-polish-independence-the-myth-of-the-commander&catid=93:historiapolish Polish News]</ref> Dhiùltadh Poblachd Liotuàinia ron Dàrna Cogadh ceangail sam bith leis, air sgath ‘s nach d’fhuair iad buannachdan, gu h-eachdraidheil, bhon stàit. Mhair an stàit gu ruige Treas Roinneadh na Pòlainn ann an [[1795]].<ref>[http://www.sciaga.pl/tekst/27906-28-czy_polska_musiala_utracic_niepodleglosc_w_1795_roku Sciaga]</ref> A bharrachd air am fearann far a bheil A’ Phòlainn agus Liotuàinia an latha an-diugh, bha [[Belarus]], sgìrean mòra na h-Ùcrain, Livonia ([[LaitbhiaLaitbhe]] an latha an-diugh) agus sgìre Smolensk san Ruis a-staigh na stàite siud cuideachd.<ref>[http://www.everyculture.com/No-Sa/Poland.html Every Culture]</ref> Mar as àbhaist thathar a’ chumail suas gur e A’ Phòlainn a th’ann stàit-oighre A’ Cho-fhlaitheis, is anns a’ bhitheantas cha bhi Lituània dhen bheachd idir gur e aimsir mhath tharbhach dhuibh, is iad ag ràdh gur e fiù’s làmhachas làidir an àite co-obrachadh co-ionnan a bh’ann an Aonadh siud.<ref>[http://press.umich.edu/pdf/0472098985-ch7.pdf University of Michigan]</ref>
 
==Iomraidhean==