An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
B’ e '''Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia''' ([[Pòlais]]: Rzeczpospolita Korony Polskiej i Wielkiego Księstwa Litewskiego, [[Liotuànais]]: Abiejų Tautų Respublika) stàit air an àirde an ear na Roinn Eòrpa a mhair bho [[1569]] gu ruige [[1795]] is e ga stiùireadh eadar [[A' Phòlainn]] agus [[Liotuàinia]]. Chaidh an stàit seo a sgaradh eadar [[An Ostair]], [[An Ruis]] agus [[A’ Phrùis]] mean air mhean tron [[18mh Linn]] gus a an deach e à bhith.
 
‘S e stàit mhòr air a sgaoileadh tro na tìrean a bha fo bhuaidh na Pòlainn is Liotuàinia roimhe, air a stèidheachadh air aonaidhean is còrdaidhean eatorra a bh’ann an Co-fhlaitheas, gu h-àraidh an dèidh Aonadh Krew ([[1386]]). Bha siostam poiliteagach anabarrach ann, air an robh [[Deamocrasaidh]] nan Uachdaran neo Saorsa an Òir, far an robh cumhachdan an rìgh fo bhuaidh na Pàrlamaid (Sejm) agus nan Uachdaran. ‘S e roi-ruithear a’ dheamocrasaidh, na monarcachd bhun-reachdail agus na feadaraileachd a th’ann an latha an-diugh a bh’ann an siostam siud. Gu foirmeil, bha an dà stàit co-ionnan ach ‘s e leis A’ Phòlainn a bha làmh an uachdair. Bha àite uabhasach làidir aig an [[Eaglais Chaitligeach]] anns a’ Phoblachd, ged an robh an dùthaich gu math ceadach taobh [[creideamh|chreideamhan]], rud a dh’atharrachadh mean air mhean tro na linntean. ‘S e [[àiteachas]] a bha aig cridhe an [[eaconomaidh]]. Bha a h-uile càil math airson an dà nàisean aig an toiseach, tron aois an òir mar a chanadh e, ach bha an dàrna linn beagan na bu chruaidh dhuibh: call armailteach, [[ar-a-mach]] nan croitear, buaireas poiliteagach. A bharrachd air sin, chaidh [[Bun-Reachd]] nàiseanta a chur air chois mus do deach an Co-fhlaitheas à bhith, is e an dàrna fear as aosda ann an eachdraidh na cruinne a bh’ann.
==Iomraidhean==
<references/>