An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Szczecin"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 22:
Tha eachdraidh gu math inntinneach aig Szczecin. Tro na linntean tha am baile seo air a bhith fo bhuaidh nam Pòlach, nam [[A’ Phrùis|Prùisianach]], nan [[An Danmhairg|Danmhairgeach]], nan [[An t-Suain|Suaineach]] agus nan [[A’ Ghearmailt|Gearmailteach]]. ‘S e baile uabhasach Gearmailteach a bh’ann anns an roinn Pomerania (Stàit na Prùise), gu ruige [[1945]]. Tha e air a bhith na bhaile Pòlach on Chòrdadh Photsdam sa bhliadhna sin.
 
Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas, nuair a bha e fhathast na chlachan beag iasgaich is malairteach nan treubhan Slàbhach anns an [[8mh Linn]] .<ref>[http://www.spangshus.dk/turist/szczecin1.htm Spanghus Danmark]</ref> Chaidh an fheadhainn sin a chur ri [[Rìoghachd na Pòlainn (1025 - 1385)|Rìoghachd ùr na Pòlainn]], a chuireadh air chois mu [[970]],<ref>[http://userpages.umbc.edu/~lmoren/ALMA/GEOHIS.HTM UMBC]</ref> ach dh’èirich iad na h-aghaidh ann an [[1005]] oir bha iad ag iarraidh an cuid chreideamhan pàganach a cumail beò.
 
Bu mhiann an rìgh Mieszko I an roinn a chumail is le sin thug e fèin-riaghladh dhan roinn Pomerania (Pòlais: Pomorzanie), a bha mu thimcheall Szczecin,<ref>[http://historia.gazeta.pl/historia/1,99425,6633864,Mieszko_I.html Historia Gazeta]</ref> gu h-àraidh taobh mhalairt is creideamhan. Chuir sin, agus adhbharan eaconamach, dragh orrasan taobh a-staigh an Naomh Iompaireachd Ròmanach. Anns an [[12mh Linn]] bha am baile fo bhuaidh nan Danmhairgeach fad mu 40 bliadhna. <ref>[http://www.gopoland.com/wheretogo/szczecin/history/ Go Poland]</ref>