An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Katowice"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 21:
‘S e na Silesianaich a bha nan tàmh an seo o shean. Bha na Piast uabhasach làidir fad na linntean, gus an tug na Habsburg an àite ann an [[1532]].<ref>[http://www.studyinpoland.pl/index.php?option=com_content&task=view&id=49&Itemid=64 Study in Poland]</ref> Chaidh am baile beag Katowice air a stèidheachadh anns an [[19mh Linn]], nuair a bha an roinn fhathast fo bhuaidh na [[A’ Phrùis|Prùise]]. Fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile dìreach ann an [[1845]].<ref>Józef Szaflarski, Katowice 1865 – 1945, Wydawca Śląski Instytut Naukowy, 1978</ref> ‘S e baile measgaichte a bh’ann le Gearmailtich, Silesianaich, Pòlaich agus mòran dhe Iùdhaich nan tàmh an seo.<ref>[http://www.jewishgen.org/yizkor/katowice/kat006.html Jewish Gen]</ref> Chaidh e a chur ris A’ Phòlainn eadar [[1918]] agus [[1921]].
 
Dh’fhàs Katowice gu math beartach air sàilleabh gu robh mèinnean [[gual|guail]] anns na beanntann mu thimcheall a’ bhaile.<ref>[http://www.gig.eu/ Główny Instytut Górnictwa]</ref> Chuir an gnothach seo piseach air an gnìomhachas, dh’fhàs àireamh-sluaigh a’ bhaile is thoisich gnìomhachas an [[Iarann]] cuideachd.<ref>[http://www.deutschlandundeuropa.de/33_96/dueur33h.htm Deutschland und Europa]</ref> Fhuair sin droch bhuaidh air na daoine is an àrainneachd, gu h-àraidh an dèidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] is cha robh a’ chùis a cheartachadh gu ruige [[1989]]., o chionns gum brosnachadh gnìomhachasan làidir ri linn nan Comannach.<ref>[http://www.privatephotoreview.com/fr/revue/works.php/id_coll/395/id_riv/55 Private Photo Review]</ref> ‘S e Stalinogród a bha air a’ bhaile bho [[1953]] gu [[1956]],<ref>[http://historia.piotrowice.katowice.pl/stalinogrod.html Katowice Wczoraj i Dziś]</ref> leis gu robh an Riaghaltas [[Comunnachas|Comannach]] uabhasach dlùth airsan is an dùthaich fo bhuadh an [[Aonadh Sobhiat]].
 
==Daoine Ainmeil==