An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Katowice"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding pl:Katowice
No edit summary
Loidhne 16:
 
S' e [[baile]] mòr ann an ceann a deas na [[a' Phòlainn|Pòlainn]] a th’ ann an '''Katowice''' ([[IPA]]: '''katɔ'vʲitsɛ ''', [[Gearmailtis]]: Kattowitz, Latbhais /[[Seacais]]: Katovice, [[Liotuànais]]: Katovicai, [[Laideann]]: Katovicum). Tha e suidhichte aig 293m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/poland/3096472/katowice Mongabay]</ref> ri taobh [[Abhainn|na h-aibhne]] Rawa,<ref>[http://www.wodociagi.katowice.pl/edukacja/regulacja_rzeki_rawy.html Katowickie Wodociągi]</ref> anns an roinn Śląskie. Ann an 2009 bha 308,724 duine a' fuireach ann. Tha Katowice 272km air falbh bho [[Lublin]], 67km bho [[Kraków]], 454km bho [[Gdańsk]] agus 260km bho [[Warsaw]], prìomh-bhaile na [[Dùthaich|dùthcha]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Global Feed Distance Calculator]</ref> ‘S e an 10mh baile as motha na [[Dùthaich|dùthcha]] a th’ann.<ref>[http://world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=abcdefghinoq&msz=1500&geo=-173 World Gazetteer]</ref> A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an [[1865]]<ref>[http://katowice.friko.pl/historia/historia_6b.htm Katowice Friko]</ref> agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an [[1968]].<ref>[http://www.us.edu.pl/ Uniwersytet Śląski w Katowicach]</ref>
 
==Eachdraidh==
 
‘S e na Silesianaich a bha nan tàmh an seo o shean. Bha na Piast uabhasach làidir fad na linntean, gus an tug na Habsburg an àite ann an [[1532]].<ref>[http://www.studyinpoland.pl/index.php?option=com_content&task=view&id=49&Itemid=64 Study in Poland]</ref> Chaidh am baile beag Katowice air a stèidheachadh anns an [[19mh Linn]], nuair a bha an roinn fhathast fo bhuaidh na [[A’ Phrùis|Prùise]]. Fhuair e a chuid chòirichean mar bhaile dìreach ann an [[1845]].<ref>Józef Szaflarski, Katowice 1865 – 1945, Wydawca Śląski Instytut Naukowy, 1978</ref> ‘S e baile measgaichte a bh’ann le Gearmailtich, Silesianaich, Pòlaich agus mòran dhe Iùdhaich nan tàmh an seo.<ref>[http://www.jewishgen.org/yizkor/katowice/kat006.html Jewish Gen]</ref> Chaidh e a chur ris A’ Phòlainn eadar [[1918]] agus [[1921]].
 
Dh’fhàs Katowice gu math beartach air sàilleabh gu robh mèinnean [[gual|guail]] anns na beanntann mu thimcheall a’ bhaile.<ref>[http://www.gig.eu/ Główny Instytut Górnictwa]</ref> Chuir an gnothach seo piseach air an gnìomhachas, dh’fhàs àireamh-sluaigh a’ bhaile is thoisich gnìomhachas an [[Iarann]] cuideachd.<ref>[http://www.deutschlandundeuropa.de/33_96/dueur33h.htm Deutschland und Europa]</ref> Fhuair sin droch bhuaidh air na daoine is an àrainneachd, gu h-àraidh an dèidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] is cha robh a’ chùis a cheartachadh gu ruige [[1989]]. o chionns gum brosnachadh gnìomhachasan làidir ri linn nan Comannach.<ref>[http://www.privatephotoreview.com/fr/revue/works.php/id_coll/395/id_riv/55 Private Photo Review]</ref> ‘S e Stalinogród a bha air a’ bhaile bho [[1953]] gu [[1956]],<ref>[http://historia.piotrowice.katowice.pl/stalinogrod.html Katowice Wczoraj i Dziś]</ref> leis gu robh an Riaghaltas [[Comunnachas|Comannach]] uabhasach dlùth airsan is an dùthaich fo bhuadh an [[Aonadh Sobhiat]].
 
==Daoine Ainmeil==