An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Henry Dieckhoff"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
Bha '''An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff''' ([[Ruisis]]: ''Генрих Кирилл Дикхофф'') (1869-1950) 'na [[Manach|mhanach]] agus 'na chànanaiche [[An Ruis|Ruiseanach]] a chuir seachad greis mhòr ann an [[Cille Chuimein|Abaid Chille Chuimein]] sna 30an.<ref>http://www.corbie.com/Monks.html Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein</ref> Rugadh e ann am [[Moscobha]] agus bha athair 'na [[aoghaire]] [[Martin Luther|Lutheranach]] ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige [[A' Ghearmailt|sa Ghearmailt]] a chionn 's gun robh a mhàthair 'na [[Caitligeach]] is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.<ref name=CO>''Boy from Moscow'' on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950</ref> Chaidh e dhan oilthigh ann am [[Berlin]] agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.<ref name=CO/> Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.<ref name=CO/>
 
Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig [[Gleanna Garradh|Ghleanna Garradh]] a dh'fhoillsich e san fhaclair aige ''A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic''.<ref>Dieckhoff, H. ''A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic'' (1932)</ref> Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.<ref name=CO/>