An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tripoli"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
| DUILLEAG = http://www.tripoli.info
}}
'S e prìomh-bhaile [[Libia]] a tha ann an '''Tripoli''' ([[Arabais]]: '''طرابلس''' '''Ṭarābulus''' - cuideachd: '''طرابلس الغرب''' '''Ṭarā-bu-lus al-Gharb'''<ref>a’ ciallachadh '' Tripoli an Iar'', na bi a’ measgachadh le Tripoli, Lebanon</ref>, neo Cànan Libianach: '''Ṭrābləs'''). Thàinig am facal Tripoli bhon fhacal [[Greugach]]:(Τρίπολη). Tha am baile sùidhichte 'san iar-thuath na dùthcha aig oir an [[Fàsach|fhàsach]] aig cladach a’ [[Mediterranean Sea|Mhuir Mheadhanach]] agus faisg air crìoch [[Tuinisia]]. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 1.68 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Tripoli 514km air falbh bho [[Tunis|Thunis]] ([[Tuinisia]]), 1,019km bho [[Algiers]] ([[Aildiria]]), 2,439km bho [[Niamey]] ([[Nìgeir]]), 2,318km bho [[N'Djamena]] ([[An t-Siad]]), 2,738km bho [[Khartoum]] ([[Sudan]]) agus 1,740km bho [[Cairo|Chairo]] ([[An Èipheit]]).<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 10m os cionn ìre na [[Muir|mara]].<ref>[http://population.mongabay.com/population/libya/2210247/tripoli Mongabay]</ref>
 
'S e am baile as motha a tha ann an Libia. Cuideachd tha am port-mara as cudthromaiche aige. Mar sin dhèth ‘s e teas meadhan gnìomhachail agus crìdhe malairteach a th’ ann. Chaidh Tripoli a stèidheachadh anns an 7mh linn [[RC]] leis na Phoenicians.