An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pretoria"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.tshwane.gov.za www.tshwane.gov]
}}
'S e [[prìomh-bhaile]] riochdail [[Afraga a Deas]] a tha ann am '''Pretoria'''. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: [[Cape Town]] (reachdail) agus [[Bloemfontein]] (breithneachail). Tha Pretoria suidhichte mu 50 cilemeatair san taobh tuath [[Johannesburg]] anns an earra-thuath Afraga a Deas. Tha ruith-bheanntan ''Magaliesberg'' timcheall air a’ bhaile. Tha Pretoria 412km bho [[Maseru|Mhaseru]] ([[Leasoto]]), 1,175km bho [[Windhoek]] ([[Namibia]]) 921km bho [[Harare]] ([[Zimbabwe]]), 253km bho [[Gaborone|Ghaborone]] ([[Botsuana]]), 305km bho [[Mbabane]] ([[Dùthaich nan Suasaidh]]), agus 444km bho [[Maputo|Maputo]] ([[Mòsaimbic]]).<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 1,335m os cionn ìre na [[Muir|mara]].<ref>[http://population.mongabay.com/population/south-africa/964137/pretoria Mongabay]</ref>
 
Chaidh Pretoria a stèidheachadh anns a’ bhliadhna [[1855]] le Marthinus Pretorius. Thaghadh esan an t-ainm airson urram a thoirt don athair aige: [[Andries Pretorius]] a bha na ghaisgeach nàiseanta. Bhon 1ad an Cèitean [[1860]] bha Pretoria na phrìomh-bhaile Poblachd Afraga a Deas neo (ZAR). Nuair a dh’atharraich Poblachd Afraga a Deas gu Afraga a Deas ann an [[1961]], bha Pretoria na phrìomh-bhaile riochdachail.