An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gaborone"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 19:
'S e [[prìomh-bhaile]] [[Botsuana|Bhotsuana]] a tha ann an '''Gaborone''', ([[IPA]]: /ˌɡæbəˈroʊni/). Anns a’ bhliadhna [[2005]] bha 208,411 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte anns a’ ghleann eadar Beinn ''Kgale'' agus Beinn ''Oodi'' air bruach Abhainn ''Notwane''. Tha e anns an earra-dheas Botsuana, dìreach 15 mile air falbh bho crìochan [[Afraga a Deas]]. Ro 1969, b’e '''Gaberones''' an t-ainm a bha air a’ bhaile<ref>[http://www.thuto.org/ubh/bw/bhp7.htm Ainm Gaberone aig www.thuto.org]</ref>. Thàinig an t-ainm tùsail bho ''Kgosi Gaborone'', ceannard treubh [[Afraga]]nach.
 
Tha Gaborone 1,055km air falbh bho [[Lusaka]] ([[Saimbia]]), 927km bho [[Harare]] ([[Siombabue]]), 253km bho [[Pretoria|Phretoria]] ([[Afraga-a-Deas]]), 928km bho [[Windhoek]] ([[Namibia]]), agus 2,213km bho [[Luanda]] ([[Angola]]).<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com/World_Distance_Calculator.asp Distance Calculator]</ref> Tha e suidhichte ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]], aig 1,015m os cionn ìre na [[Muir|mara]].<ref>[http://population.mongabay.com/population/botswana/933773/gaborone Mongabay]</ref> Chaidh meadhan a’ bhaile a thogail ann an trì bliadhnaichean a-mhain. Bha e deiseal aig ceann-latha neo-eisimeileachd Botsuana (30mh an t-Sultain [[1966]]). Tha am port-adhair, ''Sir Seretse Khama International Airport'', mu deich cilemeatair 'sa tuath Gaborone. Tha an ''Oilthigh Botsuana'', a chaidh a stèidheachadh anns a’ bhliadhna [[1977]], ann an Gaborone cuideachd.
 
== Bailtean Co-cheangailte==