An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bonn (a' Ghearmailt)"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 1:
{{Template:Baile
| AINM = Bonn
| BRATACH =Flagge Wappen-stadt-bonnder kreisfreien Stadt Bonn.svg
| LÙIREACH= Wappen-stadt-bonn.svg
| LÙIREACH_LEUD = 80
| MAPA = Bonn LangerEugen Posttower.jpg
Line 21 ⟶ 22:
 
S’ e àite-breith [[Ludwig van Beethoven]], neach ciùil anmeil, a tha ann am Bonn. An diugh tha taigh tasgaidh ann, far an do rughadh e.
 
== Eachdraidh ==
Thog na seann Ròmanaich [[drochaid]] air an Rhein mu [[10]] RC faisg air àite ris an canadh ''Bonna''.<ref>[http://www.livius.org/ga-gh/germania/bonna.html Livius]</ref> Thathar dhen bheachd gur e tuineachadh nan [[Ceilteach]] a bh’ann ro làimh is gu bheil an t-ainm a’ ciallachadh baile sa [[Cànan|chànan]] aca. Chaidh daingeach Ròmanach a chruthachadh airson mu 7,000 saighdearan a chumail an seo ann an [[9]],<ref>[http://tribus.bonn.de/roemlag/sach/rl.htm Tribus Bonn]</ref> an dèidh Cath Choille Theutoburg. Dh’ fhàs baile mu thimcheall an daingeach air an robh Castra Bonnensia (Caisteal Bhonn anns an [[Laideann]], is ‘s e àite cudromach dìona air crìoch na h-ìompaireachd a bh’ann.<ref>[http://www.dw-world.de/dw/article/0,,2143358,00.html
Bonna Deutche Welle]</ref>
 
‘S e làrach cràbhach ri linn Iompaireachd [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] a bh’ann Bonn. Bha am baile am broinn na sgìrean a bha fo bhuaidh nan [[easbaig]]-prionnsa-taghadair à [[Köln]] bhon [[8mh Linn]] gu ruige deireadh an [[13mh Linn]] is bha iad a’ fuireach an seo cuideachd. Mar dhìleab na làithean spaideil sin, tha am baile làn toglaichean ann an stoidhle barroc,<ref>[http://larocheusa.org/Duren.htm Larocheusa]</ref> mar eisimpleir oifisean an Oilthigh agus an Lùchairt Poppelsdorf, a bharrachd air taighean mòra bho deireadh an [[19mh Linn]] agus feadhainn eile ann an stoidhl art nouveau. Cha b’urrainn dhan [[Ath-Leasachadh]] càil a dheànamh an seo leis cho làidir ‘s a bha an [[Eaglais Chaitligeach]] ann am Bonn.<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World 66]</ref> Bha athar [[Ludwig van Beethoven]] ([[1770]] – [[1827]]) na òrganaiche fon phrionnsa-taghadair mu dheireadh ann am Bonn. <ref>[http://www.alemania.net/bonn-la-ciudad-de-ludwig-van-beethoven/ Alemania]</ref> Ann an [[19mh Linn]], an dèidh mì-bhuaidh Napoléon,<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World 66]</ref> ghabh [[A’ Phrùis|Rìoghachd na Prùise]] sealbh air Bonn. <ref>[http://www.bbgerman.com/german-cities-bonn.html
prìomh-bhaile BB German]</ref>
 
Ghabh saighdearan à [[Canada]], [[Sasainn]] agus [[An Fhraing]] sealbh air Bonn an dèidh a chèile bho chrìoch [[An Cogadh Mòr|a’ Chogaidh Mhòir]] gu ruige [[1926]]. <ref>[http://www.britishpathe.com/record.php?id=81060 Pathé]</ref> Ri linn an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] bha mu 1,000 de dhaoine, gu h-àraidh Iùdhaich, nan ìobairtean nan Nàsach. chaidh 8,000 eile a thoirt air falbh gu campaichean a’ bhàis neo a sgapadh thall thairis. Ann an [[1945]] ‘s e na Sasannaich a ghabhail sealbh air a’ bhaile.
 
Chaidh Bonn a thaghadh mar [[Prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]] ùr na [[dùthaich|dùthcha]] (an àite [[Frankfurt]]) an dèidh a’ chogaidh oir chaidh an dùthaich a sgaradh ann an dà stàit is bha [[Berlin]] air a mhilleadh. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile Poblachd Feadarail na Gearmailte bho [[1949]] gu ruige [[1990]], nuair a thaghadh Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist, mar thoradh Aonadh na Gearmailte. Chaidh obair an Riaghaltais a ghluasad air ais do Bherlin uile gu lèir mu dheireadh thall ann an [[1999]].<ref>[http://www.buzer.de/gesetz/2318/a32482.htm Buzer]</ref>
 
A dh’aindeoin nach e prìomh-bhaile na dùthcha a th’ann Bonn nas motha, tha am baile air blas poiliteagach dioplòmasach a chumail fhathast. Thathar a’ cumail gnothaichean na NA ann am Bonn chaidh Comhairle na [[Roinn Eòrpa]] a chumail an seo ann an [[1999]] fad cinneas na Gearmailte air an Roinn Eòrpa. A bharrachd air sin, ghabh àite trì co-labhairtean cudromach ann am Bonn taobh chàirdeas poiliteagach agus marsanta còmhla ri [[An t-Seapain]], [[Canada]] agus na [[Stàitean Aonaichte]].
 
==Bailtean Co-cheangailte==
Line 34 ⟶ 48:
== Iomraidhean ==
<references/>
 
[[Category:A' Ghearmailt]]
[[Category:Bailtean]]