An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bremen"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
‘S e baile mòr anns [[a' Ghearmailt]] a tha ann am '''Bremen''' ([[IPA]]:bʁemən). ‘S e fear dhe na 16 stàitean ([[Gearmailtis]]: ''Länder'') na [[dùthaich|dùthcha]]. Tha am port Bremerhaven, 60km air falbh mu thuath, am broinn na stàite cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[150]]. Tha am pàirce-nàiseanta [[Lüneburger Heide]] suidhichte iar air Bremen.
 
== Eachdraidh ==
Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Sgrìobh Claudius Ptolmaeus mu dheidhinn Phabiranum, a bha fo buaidh na Cauci ann [[150]].<ref>[http://www.worldportsource.com/ports/DEU_Port_of_Bremen_38.php World Port Source]</ref>
Anns an [[8mh Linn]] chaidh feachdan [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] gu ruige na h-aibhne Weser gus [[Crìosdaidheachd]] a thoirt do treubhan pàganach na sgìre.<ref>[http://www.alemania.net/bremen-la-historia-hecha-tradicion/ Alemania.net]</ref> Thug Riourik, Lochlannach às [[An t-Suain]], aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an [[859]] ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e.<ref>[http://gw2.geneanet.org/loic15?lang=fr;p=riourik;n=rurikides Geneanet]</ref> Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na [[Easbaig|easbaigean]] à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu [[Lochlann]] fad na linntean.
 
Bhagairt Heinrich XII à [[Bayern]] air cumhachd nan Easbaig anns an [[12mh Linn]].<ref> Karl Jordan, Henry the Lion. A Biography, ISBN 0-19-821969-5</ref> Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh’ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas [[An Cuan a Tuath|A’ Chuain a Tuatha]] gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn [[Am Muir Baltach|na Mara Bhaltach]], is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an [[14mh Linn]] chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir.<ref>[http://www.deremilitari.org/resources/articles/ditchburn1.htm Deremilitari]</ref> Ach mu dheireadh thall, ann an [[1358]], ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an [[Lübeck]] is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.<ref>[http://www.worldportsource.com/ports/DEU_Port_of_Bremen_38.php World Port Source]</ref>
 
Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa:<ref>[http://sticerd.lse.ac.uk/dps/case/cr/CASEreport39.pdf Bremen City Report]</ref> dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an [[1425]], is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèillfhèille ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an [[1427]],<ref>The German Hansa: The emergence of international businesses 1200 - 1800, P. Dollinger, ISBN 9780415190732</ref> le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalamhan air sgàth sin.
 
Chaidh a’ chiad [[port]] innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an [[1620]].<ref>[http://www.radiobremen.de/kultur/ausstellungen/spicarium102.html Radio Bremen]</ref> Ann an [[1827]], air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]].<ref>[http://en.bremerhaven.de/experience-the-sea/service-infos/city-history/foundation-of-bremerhaven.24335.html Bremerhaven.de]</ref> Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an [[1857]].<ref>[http://www.hapag-lloyd.com/en/about_us/history_between_1847_1885.html Hapag-Lloyd]</ref> Leasachadh obraichean mharamairearachd na h-aibhne fad na [[1870an]] -[[1880an]].
Chaidh a’ chiad [[port]] innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an [[1620]].
 
Dh’fhàsadh am baile beag air bheag tro mhalairt is gnìomhachasan is chaidh oifis margaidh chotain a chuir air dòigh ann an [[1872]].<ref>[http://www.baumwollboerse.de/index.php?l=2&n= Baumwolleboerse]</ref> Chaidh àireamh-sluagh a’ bhaile suas bho mu 35,000 ann an [[1812]] gu cor ris 100,000 ann an [[1875]] is fiù’s 250,000 ann an [[1911]].<ref>[http://sticerd.lse.ac.uk/dps/case/cr/CASEreport39.pdf Bremen City Report]</ref>
Ann an [[1827]], air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an [[1857]]. Leasachadh obraichean mhara na h-aibhne fad na [[1870an]] -[[1880an]]
 
Bha Bremen na bhall Co-chaidreachas na Gearmailte a Tuath bho [[1867]] gu ruige [[1871]]<ref>[http://www.ige IGE]</ref> is an uair sin bha e am broinn stàit ùr, Iompaireachd na Gearmailte bho [[1871]], ach chum e a chuid neo-eisimeileachd taobh cusbainn is cìsean gu ruige [[1888]]. Gu mì-fhortanach, chaidh oidhirp a dheànamh air beatha an Iompaire Gilliam II ann am Bremen ann an [[1901]].
 
‘S e na Sasannaich a bha os cionn Bhremen dìreach an dèidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]], is an uair sin na h-Aimearaganaich bho 14mh [[An t-Sultain]] [[1944]] o chionns gu robh iad ag iarraidh gum biodh port air a’ Mhuir a Tuath anns an sgìre aca.<ref>[http://sticerd.lse.ac.uk/dps/case/cr/CASEreport39.pdf Bremen City Report]</ref> Le sin cha bheireadh Bremen a-steach do [[Sagsainn Iosail|Shagsainn Ìosail]], leis gu robh an roinn sin anns an sgìre a bha fo bhuaidh nan Sasannach. Air sgàth sin, chaidh Bremen a ghairm na bhaile neo-eisimeileachd Hansa (Gearmailtis : Freie Hansestat) am broinn Poblachd Fheadarail na Gearmailte ann an [[1947]], le Bremerhaven na bhroinn oir nach robh e idir faisg air fearann Shagsainn Iosail.<ref>[http://insurance.essentialtravel.co.uk/tg-europe/germany/bremen-history.asp Essential Travel]</ref>
 
==Bailtean Co-cheangailte==
Line 39 ⟶ 45:
*[[File:Flag of Japan.svg|22px]] Yokohama
 
==Dealbhan==
<gallery>
File:Bremen Freihafen Segelschiff 1911.jpg|Am port ann an 1911
File:4StadtmusikantenBremen.JPG|Càrn-chuimhne nan Ceòladair
File:Bremen_Roland.jpg|Càrn-chuimhne do Roland
File:Bremen-dom.jpg|Cathair-eaglais Bhremen
File:Bremen um 1900.jpg|Bremen ann an 1900
</gallery>
 
==Ceanglaichean A-mach==
*[http://www.werder.de/ Club ball-coise SV Werder Bremen]
*[http://www.uni-bremen.de/ Oilthigh Bhremen]
*[http://www.bundesregierung.de/ Riaghaltas na Dùthcha]
 
==Iomraidhean==
<references/>
{{Template:Stàitean anns A' Ghearmailt}}