An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bremen"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Anns an [[8mh Linn]] chaidh feachdan [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] gu ruige na h-aibhne Weser gus [[Crìosdaidheachd]] a thoirt do treubhan pàganach na sgìre. Thug Riourik, Lochlannach às [[An t-Suain]], aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an [[859]] ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e. Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na [[Easbaig|easbaigean]] à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu [[Lochlann]] fad na linntean.
 
Bhagairt Heinrich XII à [[Bayern]] air cumhachd nan Easbaig anns an [[12mh Linn]]. Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh’ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas [[An Cuan a Tuath|A’ Chuain a Tuatha]] gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn [[Am Muir Baltach|na Mara Bhaltach]], is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an [[14mh Linn]] chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir. Ach mu dheireadh thall, ann an [[1358]], ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an [[Lübeck]] is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.
 
Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa: dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an [[1425]], is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèill ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an [[1427]], le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalamhan air sgàth sin.