An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bremen"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.bremen.de Comhairle a’ Bhaile]
}}
‘S e baile mòr anns [[a' Ghearmailt]] a tha ann am '''Bremen''' ([[IPA]]:bʁemən). ‘S e fear dhe na 16 stàitean ([[Gearmailtis]]: ''Länder'') na [[dùthaich|dùthcha]]. Tha am port Bremerhaven, 60km air falbh mu thuath, am broinn na stàite cuideachd. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an [[150]]. Tha am pàirce-nàiseanta [[Lüneburger Heide]] suidhichte iar air Bremen.
== Eachdraidh ==
Tha e coltach gu bheil Bremen uamhasach seann ach chan eil sinn idir cinnteach dìreach cho seann ‘s a tha e. Anns an [[8mh Linn]] chaidh feachdan [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] gu ruige na h-aibhne Weser gus [[Crìosdaidheachd]] a thoirt do treubhan pàganach na sgìre. Thug Riourik, Lochlannach às [[An t-Suain]], aig an robh oighreachdan mòra ann am Friesland, ionnsaigh air Bremen ann an [[[859]] ach, air sgàth sin, thug an Rìgh Louis II a-mach às an dùthaich e. Chaidh easbaigeachd a chur air dòigh anns a’ bhaile, is na [[Easbaig|easbaigean]] à Bremen ag iomairt air Crìosdaidheachd a thoirt gu [[Lochlann]] fad na linntean.
 
Bhagairt Heinrich XII à [[Bayern]] air cumhachd nan Easbaig anns an [[12mh Linn]]. Rinn esan a’ chùis orra, ghabh e thairis am baile, chuir e riaghaltas sìobhalta nan àite, is leig esan na bu laigse iad; ‘S e baile marsanta a bh’ann an a dhèidh, is bha làmh an uachdair aig loingeas Bhremen ann an ceann a deas [[An Cuan Tuath|A’ Chuain Tuatha]] gus a nochd an Lìog Hansa, co-bhann a bha os cionn [[Am Muir Baltach|na Mara Bhaltach]], is iad a’ cleachdadh caidreachasan airson An Cuan Tuath a chur fo smachd dhaibh. Aig toiseach an [[14mh Linn]] chuireadh bàtaichean spuinneadair à Bremen ionnsaighean air soithichean Hansa aig muir. Ach mu dheireadh thall, ann an [[1358]], ghabh comhairlichean à Bremen pàirt ann an co-labhairt Hansa ann an [[Lübeck]] is chuir iad roimhpe ballrachd Hansa fhaighean airson cogadh a sheachnadh.
Tha am pàirce-nàiseanta [[Lüneburger Heide]] suidhichte iar air Bremen.
 
Bha Bremen na bhall cùlachrach diùid na Hansa: dh’iarradh am baile cuideachd air an Hansa anns na h-iomairtean a bheireadh e an aghaidh cinn-fheadhna na treubhan Friesianach anns an sgìre air inbhir na h-aibhne Weser, ach cha bhiodh Bremen daonnan an sàs ann an Iomairtean na Hansa anns a’ Muir Bhaltach. Bha am mì-rùn sin gu math ùpraideach ann an [[1425]], is loisg muinntir Bhremen sgrìobhainnean na Hansa dìreach ann an Ceàrnag an fhèill ann am meadhan a’ bhaile. Thilgeadh Bremen a-mach às an lìog ann an [[1427]], le toraidhean mòra: Dh’iarr stàitean eile, mar Oldenburg, air Bremen gun cuireadh e talamhan dhaibh leis cho lag ‘s a bha Bremen gun cuideachadh na Hansa, is chaill am baile mòran thalamhan air sgàth sin.
 
Chaidh a’ chiad [[port]] innealta na Gearmailte a thogail ann am Bremen Vegesack ann an [[1620]].
 
Ann an [[1827]], air sàilleabh gu robh am Weser a' fàs beag air bheag na bu ghainmhiche, cheannaich Bremen oighreachdan aig inbhir na h-aibhne fhèin, airson port eile fhaighinn is thug iad Bremerhaven air, neo Port Bremen sa [[Gàidhlig|Ghàidhlig]]. Chaidh an companaidh cudromach muireil Lloyds na Gearmailte an Tuath a stèidhich ann an [[1857]]. Leasachadh obraichean mairearachd na h-aibhne fad na [[1870an]] -1880
 
==Bailtean Co-cheangailte==