An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Leth-eilean Wirral"

Content deleted Content added
Created page with "Rubha eadar Obair an Afon Dyfrdwy agus Abhainn na Mersidh a tha anns '''An Cilgwri''' (Beurla: ''The Wirral''). O chionn fhada bha An Cilgwri anns a' Chymru, ach ó l..."
 
No edit summary
Loidhne 1:
Rubha eadar Obair an [[Afon Dyfrdwy]] agus [[Abhainn na Mersidh]] a tha anns '''An Cilgwri''' ([[Beurla]]: ''The Wirral''). O chionn fhada bha An Cilgwri anns a' Chymru, ach ó linn nan Normanaich bha e na "cheud" de Siorramachd A' Chaeir (Cheshire), mus 1974, nuair a chaidh e fo sgaile "Bruaich Mherseidh". Chaidh ath-eagarachadh air roinnean ionadail na Sasuinn a-rithis ann an 1996 agus is e Sgire Meatropolitiuil a tha ann an diugh.
 
Tha na iom-bailtean [[Penbedw]] (''Birkenhead''), [[Port Sunlight]] agus [[Ellesmere Port]] air bruaich cli na Merseidh, le [[Wallasey]] agus [[New Brighton]] aig ceann a thuath. Tha [[West Kirby]],[[Heswall]] agus [[Parkgate]] air cladach na Dyfrdwy. Tha Amharc-lann na Speuran air cnoc Bidston agus b'e luchd-thomhais as an amharc-lann sin a steidhich (ann an 1844) a' chiad chomas-airde (datum) naiseanta do an Ordnance Survey.
 
Aitich na Lochlannaich An Cilgwri, bha ionad parlamaid ionadail aca aig Thingwall agus tha dileab aca a'nochdadh an ainmean aite eile 's an sgire, Frankby, Greasby, Irby (ged a tha cuid eolaich air ceangail an t-ainm seo leis a' Ghaidhlig "Airigh"), Hilbré (eilean tioram aig West Kirby) agus Wallasey (leth-eilean, roinnte o tir mor le bochlaich sail mus an do thanaig e a bhi na baile iomarail de Poll a' Ghruthain re an 19mh linn.