An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Simón Bolívar"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding sq:Simón Bolívar
bNo edit summary
Loidhne 90:
</div><!-- end of floated right section; article starts here -->
 
B’e '''Simón Bolívar''' ([[IPA]]: si:mon bo:liβar, ainm fada: Simón José Antonio de la Santísima Trinidad Bolívar y Palacios Ponte y Blanco) [[saighdear]] agus fear-[[poileataigs]] às [[A' Bheiniseala]]. Rugadh e ann an [[Caracas]] air an [[24 an t-Iuchar|24mh]] latha dhen [[An t-Iuchar|Iuchar]] [[1783]] agus chaochail e ann an [[Santa Marta (baile)|Santa Marta]], ([[Poblachd Ghranada Ùire]]) air an [[17 an Dùbhlachd|17mh]] latha dhen [[Dùbhlachd|Dhùbhlachd]] [[1830]].<ref>[http://www.bolivarmo.com/history.htm Bolívarmo]</ref> Shaoraich e [[Aimearaga-Laideannach|Aimearaga Laideann]] agus chuir e ruaig air feachdan na [[An Spàinn|Spàinne]]. ‘S e a’ chiad ceann-suidhe [[Coloimbia|Choloimbia]] a bh’annbh’ ann.
 
==Teaghlach agus Foghlam==
‘S e daoine chumhachdail bheairteach le freumhan ann an [[Dùthaich nam Basgach]] a bh’annbh’ ann a [[teaghlach|theaghlach]]. Fhuair iad an sloinneadh bhon a’ [[baile|bhaile]] bheag ris an canar [[Ziortza-Bolibar]], ann am Bizkaia. Ràinig iad A' Bheiniseala anns an [[16mh Linn]]. Bha oighreachdan mòra aca air feadh na [[Dùthaich|dùthcha]], tràillean agus mèinnean [[òr|òir]], [[Airgead|airgid]] agus [[copar|copair]] cuideachd. Cheannaich a sheannair tìotal uaisle ann an [[1728]].
 
‘S e cornailear a bh’annbh’ ann [[athair]], Juan Vicente Bolívar y Ponte. Bhuineadh a [[màthair|mhàthair]], María de la Concepción Palacios y Blanco, do theaghlach beairteach. Thogadh e ann an Caracas aig [[taigh]] Shimón Rodríguez, o chionns gun do bhàsaich athair nuair a bha Bolívar dìreach 2½ [[bliadhna]] a dh’aois, is a mhàthair nuair a bha e naoi. Bha e dlùth air Hipólita, tràill dhubh is i ga thogail an àite a phàrantan mairbh. Bha triùir peathraichean is bràthair na bu mhotha aige, Juan Vicente, María Antonia, Juana agus María del Carmen. Bhàsaich an tè mu dheireadh na leanabas. Thug Hipólita agus Simón Rodríguez buaidh mhòr air, is fhuair e na beachdan poiliteagach aige bhon fhear sin.
 
Fhuair e a chuid [[foghlam|fhoghlaim]] bho sreath dhe oidean is [[neach-teagaisg|tìdsearan]] ainmeil anns an dùthaich aige. Nuair a bha e 14 bliadhna a dh’aois chaidh e dhan sgoil saighdearachd ''Milicias de Veraguas''. Bha athair air a bhith os cionn na sgoile sin o chion fhada is dh’ionnsaich e mòran a chleachd e anns na [[Cogadh|cogaidhean]] is iomairtean a rinn e an aghaidh na Spàinne. Choilean e a chuid fhoghlaim le turas gus [[An Roinn Eòrpa]] is thill e dhachaidh ann an [[1807]].
Loidhne 129:
[[Category:Eachdraidh]]
[[Category: Pearu]]
 
[[Category:Poileataigs]]