An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Philippe Pétain"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 66:
 
B’ '''Henri Philippe Benoni Omer Joseph Pétain''', ([[Cauchy-à-la-Tour]], 24mh [[An Giblean]] [[1856]] – 23mh [[An t-Iuchar]] [[Port-Joinville]] [[1951]]) seanailear Frangach a bha os cionn riaghaltas na [[Dùthaich|dùthcha]] fo bhuaidh nan Nàsach aig àm an [[Dàrna Cogadh| Dàrna Cogaidh]], bho 11mh [[An t-Iuchar]] [[1940]] gu ruige 20mh [[An Lùnasdal]] [[1944]], nuair a thill [[Charles de Gaulle]] dhan [[An Fhraing|Fhraing]].
 
== Teaghlach ==
Bhuineadh Pétain do theaghlach dhe croitearan [[caitligeach]]. Chaidh e dhan sgoil saighdearachd Saint-Cyr ann an [[1886]] agus dhan Àrd Colaiste a’ Chogaidh ([[Fraingis]]: École Supérieure de Guerre) ann an [[Paris]] an ath-bhliadhna, is bha e an siud gu ruige [[1906]]. Bha e follaiseach gu robh airson eòlas-cogaidh dìonadach agus sabaid na trainnsichean daingnichte. Chaidh e a chur suas gu còrnaileir ann an [[1912]].
 
== An Cogadh Mòr==
Bha faisg air a bhith a leigeil dheth an dreuchd aige mus do thoisich an cogadh ann an [[1914]] is chaidh e a chur suas a-rithist, an turas seo gu bhith na sheanailear. Ghabh e pàirt anns an iomairt soirbheachail ann an Champage ann [[An t-Sultain]] [[1915]], is e os cionn Dàrna Arm na Frainge. An ath-bhliadhna, bha [[Charles de Gaulle]] òg a-measg a chuid oifigearan aig [[Verdun]], is Pétain a’ stiùireadh iomairt dìon a’ bhaile.
 
Bha an iomairt fhada sin an aghaidh nan Gearmailteach cho soirbheachail math proifeiseanta gun do dh’ fhàs e cliùiteach air feadh na [[dùthaich|dùthcha]] is na daoine cho measail air. Air sàilleabh sin, ‘s e esan a chaidh ainmeachadh ceannard na Feachdan Armachd uile gu lèir (an àite Robert-Georges Nivelle, a dh’fhàilig anns an iomairt ann an ''Chemin des Dames'') an ceann corra mhìos, nuair a bha mì-mhisnich a’ fàs na bu miosa eadar na saighdearan is iad a’ seasamh an aghaidh an Airm. Chuir e an droch stàit anns an robh na saighdearan am feabhas, ged an do chuir e sìos na reubaltaich anns an dòigh uabhasach garbh cruaidh. Dh’ath-eagaraich e an t-Arm is bhuannaich e earbsa nan saighdear.
 
Bha e fhathast san dreuchd sin aig deireadh a’ chogaidh, ged an robh e fo òrdughan an t-seanaileir Foch bhon [[An Giblean]] [[1918]]. Chaidh Foch ainmeachadh ceannard na feachdan ann an iar uile gu lèir, is chuir iad ruaig air na Gearmailtich a bha a’ cur ionnsaigh mu dheireadh orrasan. Le sin, b’ fheudar dha na Gearmailtich fosadh iarraidh. Aig deireadh na bliadhna [[1918]], fhuair Pétain bata sònraichte pròiseil dhe marasgal na Frainge, an rud as cliùitiche do shaighdear sam bith anns an Arm.
 
cha robh e an sàs ann an iomairt neo iomairt idir gu ruige [[1925]], is e ann am [[Maroco]] a’ sabaid an aghaidh Abd el-Krim anns an Rif. Chuir Pétain ruaig air ann an [[1926]]. An dèidh sin bha e na fhear sgrùdadh coitcheann an Airm, na mhinistear a’ chogaidh anns an riaghaltas aig Gaston Doumergue agus ann an [[1939]], tosgair na Frainge anns [[An Spàinn]] aig [[Franco]].
 
 
==Ceanglaichean A-mach==