An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles de Gaulle"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 83:
B’ '''Charles André Joseph Marie De Gaulle''', ([[Lille]],<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> 22mh [[An t-Samhain]] [[1890]] – 9mh [[An t-Samhain]] [[Colombey-les-Deux-Églises]] [[1970]]) seanailear Frangach agus [[stàitire]] a bha os cionn feachdan Saora na [[An Fhraing|Frainge]] ri linn an [[An Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]]. Stèidhich e 5mh [[Poblachd]] na Frainge ann an [[1958]] is bha e na cheann-suidhe bho [[1959]] gu ruige [[1969]]. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàmhaidean am far-ainm "La Grande Zhora" air.
==Teaghach agus Foghlam==
S’e mac Henri de Gaulle ([[1848]] – [[1932]]), [[saighdear]] agus [[Neach-teagaisg|mhaighstir sgoile]] agus Jeanne Maillot ([[1860]] – [[1940]]) a bh’ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an [[1886]]. Bha freumhan iar-fhlaitheach à [[Normandaidh]] agus [[Burgundaidh]] aige a bharrachd air na Mac Cartan à [[Èirinn]],<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1890-1940-la-genese/jeunesse-et-formation/analyses/la-famille-de-gaulle.php Charles de Gaulle]</ref> agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ann bràthair-athar. Chaidh e dhan [[sgoil]] Stanislas ann an [[Paris]]. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, [[Henri Bergson]] agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho [[1908]] gu ruige [[1912]]. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear [[HenriPhilippe Pétain]]. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an [[1921]] is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an [[1924]]) agus Anne ([[1928]] – [[1948]]. Bha Downs aig Anne.
 
==Ro 1940==