An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Charles de Gaulle"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding es:Charles de Gaulle
No edit summary
Loidhne 81:
</div><!-- end of floated right section; article starts here -->
 
B’ Charles André Joseph Marie De Gaulle, ([[Lille]],<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> 22mh [[An t-Samhain]] [[1890]] – 9mh [[An t-Samhain]] [[Colombey-les-Deux-Églises]] [[1970]]) seanailear Frangach agus [[stàitire]] a bha os cionn feachdan Saora na [[An Fhraing|Frainge]] ri linn an [[An Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]]. Stèidhich e 5mh [[Poblachd]] na Frainge ann an [[1958]] is bha e na cheann-suidhe bho [[1959]] gu ruige [[1969]]. S’ e Général de Gaulle neo gu sìmplidh Le Général an t-ainm a tha airsan anns an Fhraing, ged an tug a chuid nàmhaidean am far-ainm "La Grande Zhora" air.
==Teaghach agus Foghlam==
S’e mac Henri de Gaulle ([[1848]] – [[1932]]), [[saighdear]] agus [[Neach-teagaisg|mhaighstir sgoile]] agus Jeanne Maillot ([[1860]] – [[1940]]) a bh’ann. Bha an teaghlach aige uabhasach caitligeach. Phòs athair ris a’ cho-ogha Jeanne ann an [[1886]]. Bha freumhan iar-fhlaitheach à [[Normandaidh]] agus [[Burgundaidh]] aige a bharrachd air na Mac Cartan à [[Ulaidh]],<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1890-1940-la-genese/jeunesse-et-formation/analyses/la-famille-de-gaulle.php Charles de Gaulle]</ref> agus s’ e ollamh ceilteach ainmeil a bh’ann bràthair-athar. Chaidh e dhan [[sgoil]] Stanislas ann an [[Paris]]. Leugh de Gaulle Maurice Barrès, [[Henri Bergson]] agus Charles Péguy. Bha e na oileanach aig an Sgoil Saighdearachd Saint-Cyr bho [[1908]] gu ruige [[1912]]. Chaidh e dhan 33mh rèisimeid-coise an dèidh sin, is e fon sheanailear [[Henri Pétain]]. Phòs e ri Yvonne Charlotte Anne Marie Vendroux ann an [[1921]] is fhuair iad triùir duine-chloinne, Philippe (a rugadh ann an 1921), Élisabeth (a rugadh ann an [[1924]]) agus Anne ([[1928]] – [[1948]]. Bha Downs aig Anne.
==Ro 1940==
Ghabh e pàirt mar shaighdear anns [[An Cogadh Mòr|A’ Chogadh Mhòr]]. Fhuair e deagh chliù ri linn a’ chogaidh sin. Chaidh e leòinte iomadh turas agus dh’fhàs e a bhith na chaiptean. Chaidh e a chur an greim leis na Gearmailtich aig [[Verdun]] ann an [[1916]], ach dh’fheuch e ri teiche air ais dhan chogadh còig tursan.<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1890-1940-la-genese/la-grande-guerre/analyses/le-jeune-officier-et-l-experience-du-feu.php Charles de Gaulle]</ref> Ghabh e pàirt ann an cogadh ri taobh na [[A' Phòlainn|Pòlainnich]] an aghaidh na [[An Ruis|Ruisianich]] eadar [[1919]] agus [[1921]].
Bha e an sàs fad na [[20an]] is na [[30an]] anns an iomairt airson tancaichean is plèanaichean cogaidh a bhrosnachadh, is e dhen bheachd gum biodh an stuth seo an dòigh na b’ fheàrr airson staing cogadh na trainnsichean a sheachnadh anns na làithean ri teachd. Fiù’s sgrìobh e leabhraichean mun chuspair. Gu mì-fhortanach, cha robh seanailearan na Frainge air an aon ràmh is thog iad mur dìon, La Ligne Maginot, an aghaidh tancaichean is plèanaichean fhaighinn. Bha na smuaintean aige glè chudromach dha na Gearmailtich agus chleachd iad na sgrìobh de Gaulle an aghaidh na Frainge anns a’ Chogadh Thàirneanaich ([[Gearmailtis]]: Blitzkreig).<ref>[http://www.historylearningsite.co.uk/charles_de_gaulle.htm History Learning Site]</ref> Leugh [[Hitler]] ann leabhar a sgrìobh e mu dheidhinn a’ chogaidh ùire, Vers l’Armée de Métier (Gu ruige Arm proifeiseanta) ([[1934]]).<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref>
==An Dàrna Cogaidh==
Ri linn an Dàrna Cogaidh, chaidh e ainmeachadh na cheann-fheadhna eadar-amail,<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> is e os cionn ionnsaighean soirbheachail le tancaichean an aghaidh na Gearmailtich ann an [[1940]].<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/analyses/les-10-jours-qui-ebranlerent-la-france.php Charles de Gaulle]</ref> An dèidh Tuiteam na Frainge, theich e na fhògarrach gu [[Sasainn]] is chuir e air dòigh Feachdan Saora ne Frainge (Fraingis: Forces Française Libres) còmhla ri feadhainn bhon riaghaltas a bha nam fògarraich thall ann an [[Lunnainn]] cuideachd. Bha na mìltean dhe Fraingich nam fògarraich thall thairis aig an àm an dèidh Dunkirk. Thall ann an Sasainn, rinn e oraid ainmeil, ris an canar A’ Ghairm ([[Fraingis]]: L’Appel)<ref>[http://www.france-libre.net/chronologie/1940/juin-1940.php France Libre]</ref> air an radio air an 18mh latha dhen [[An t-Ògmhios| Ògmhios]] 1940,<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin.php/temoignages/appel.htm Charles de Gaulle]</ref> is e ag iarraidh air an nàisean a chur an aghaidh na Gearmailtich nàsach. Thuirt e: “Tha an Fhraing air batail a chall, ach chan eil An Fhraing air an cogadh a chall fhathast”.<ref>[http://www.brainyquote.com/quotes/authors/c/charles_de_gaulle.html Brainy Quotes]</ref> Ghabh e pàirt mar cheannard nam Frangach anns na h-iomairtean an aghaidh nan Nàsach air feadh na [[Roinn Eòrpa|Roinne Eòrpa]] agus chaidh e a-steach gu Paris air 25mh latha dhen [[An Lùnasdal|Lùnasdal]] [[1944]].<ref>[http://www.charles-de-gaulle.org/pages/l-homme/dossiers-thematiques/1940-1944-la-seconde-guerre-mondiale/l-appel-du-18-juin/temoignages/charles-de-gaulle.php Charles de Gaulle]</ref>
Bha e na phrìomhaire ann an riaghaltas eadar-amail na Frainge an dèidh an t-Saoraidh ann an [[1944]] is chuir e na feachdan aige air ais do [[Vietnam]], [[Cambodia]] agus [[Laos]], a bha airson a bhith an cuid neo-eiseimileachd a ghairm bhon an Fhraing.<ref>[http://www.herodote.net/histoire/evenement.php?jour=19461219 Herdote]</ref> Leig e dheth am poileataigs ann an [[1944]], air sàilleabh sabaidean poiliteagach is chuir e seachad dà bhliadhna deug far a’ bheatha poblach.
 
==Poileataigs==
Thill e dhan riaghaltas le taic bho na seanailearan airson staing phoiliteagach a sheachnadh ann [[An Cèitean]] [[1958]].<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/june/1/newsid_2995000/2995283.stm BBC]</ref> Stiùirich e sgrìobhadh [[Bun-Reachd]] ùr gus Còigeamh Poblachd na Frainge a stèidheachadh, is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe an ath-bhliadhna.<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> Mar cheann-suidhe na [[Dùthaich|Dùthcha]], chuir Charles de Gaulle stad air a’ mhì-riaghailt phoiliteagach agus an ainneart a bh’ann mus do thill e dhan riaghaltas. Aig an toiseach chuireadh e taic dhan riaghaltas Frangach ann an [[Aildiria]] ach, gu connspaideach, cho-dhùin e neo-eisimeileachd a thoirt gu Aildiria mu dheireadh thall. Chuir sin stad air cogadh cosgail mì-chòrdte, ach bha An Fhraing air a sgaradh. Dh’ùraich e an t-airgead ann [[Am Faoilleach]] [[1960]] airson smachd a ghabhail air na h-[[atmhorachd]] is gus fàs a thoirt dhan [[eaconomaidh]].<ref>[http://www.artehistoria.jcyl.es/historia/contextos/3232.htm Arte Historia]</ref>
Bha De Gaulle an sàs ann an leasachadh na h-armachd niùclasach agus bhrosnachadh e polasaidhean airson an Roinn Eòrpa gu lèir, is e a’ feuchainn ri buaidh [[Na Stàitean Aonaichte]] is Sasainn a lùghdachadh. Thug e An Fhraing à NATO,<ref>[http://www.artehistoria.jcyl.es/historia/contextos/3232.htm Arte Historia]</ref> is bha e an aghaidh gun d’fhuair [[An Rìoghachd Aonaichte]] ballrachd Coimhearsnachd na Roinn Eòrpa. Choinnich e [[Siona|An t-Sìona]] [[Comunnachas|Comunnach]].<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> Aig deireadh na cùise, bha e cho connspaideach gun d’fhuair e dubh-chàineadh bho na luchd-dùbhlain, gu h-àraidh na Comannaich is na [[Sòisealaich]], is b’fheudar dha trioblaidean mòra a shabaid ann [[An Cèitean]] [[1968]], is na h-oileanaich is na luchd-obrach a’ togail fianais anns na sràidean. Leig e dheth a dreuchd ann an [[1969]],<ref>[http://news.bbc.co.uk/onthisday/hi/dates/stories/april/28/newsid_2500000/2500927.stm BBC]</ref> ach ‘s e an ceannard poiliteagach na Frainge as chudromaiche nar làithean gus an latha an-diugh a bh’ann.
 
A bharrachd air sin stèidhich e deagh chàirdeas eadar An Fhraing agus A’ Ghearmailt, air an togadh [[An t-Aonadh Eòrpach|Aonadh na Roinne Eòrpa]].<ref>[http://www.artehistoria.jcyl.es/historia/contextos/3232.htm Arte Historia]</ref> Bha connspaideach thall ann an [[Canada]] far an tuirt e gu poblach gu robh e airson neo-eisimeileachd [[Quebec]] is e air turas oifigeil aig an àm.<ref>[http://archives.cbc.ca/politics/provincial_territorial_politics/clips/1132/ CBC]</ref>
 
==Bàs==
Chaochail de Gaulle aig an taigh ann an Colombey-les-Deux-Églises air an 9mh latha dhen [[An t-Samhain|Shamhain]] [[1970]] le at-cuisle.<ref>[http://www.j-bradford-delong.net/tceh/charlesdegaulle.html J Bradford-Delong]</ref> Bha e faisg air a bhith ochdad bliadhna a dh’aois. Nuair a bhàsaich e thuirt ceann-suidhe na dùthcha gu robh An Fhraing na banntrach às aonais de Gaulle.
 
==Ceanglaichean A-mach==
*[http://www.colombey-les-deux-eglises.com/ Colombey-les-deux-églises]
*[http://www.st-cyr.terre.defense.gouv.fr/ Sgoil Saighdearachd St. Cyr]
 
==Iomraidhean==
<references/>
 
[[Category:An Fhraing]]