An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Simón Bolívar"

Content deleted Content added
b r2.7.1) (robot Modifying: gan:西曼·卜利滑, zh:西蒙·玻利瓦尔
Loidhne 101:
Phòs e ri boireannach Spàinnteach, María Teresa del Toro y Alayza, ann an [[Madrid]] ann an [[1802]]. Chaochail i an ceann ochd mìosan anns A’Bheiniseal leis an fhiabhras bhuidhe.<ref>[http://www.sologenealogia.com/gen/getperson.php?personID=I7200&tree=001&PHPSESSID=40740888b43ebd9f142bbe2033032420 Solo Genealogia]</ref> Cha do phòs e ri tè neo tè a-rithist, ged an robh leanainn aige fad a bheatha, Manuela Saénz, boireannach beairteach à [[Quito]].<ref>[http://www.bbc.co.uk/news/10504821 BBC]</ref>
 
==A'A’ BheinisealaChiad Iomairt==
Cha robh Bolívar idir an sàs anns a’ chiad iomairt an aghaidh na Spàinne anns A’ Bheiniseala ann an [[1809]] ach ghabh e pàirt ann am misean gu [[Lunnainn]] ann an [[1810]] còmhla ri reubaltaich eile is iad ag iarraidh air an [[Rìoghachd Aonaichte]] gun tugadh iad taic dhaibh.<ref>[http://ukinmexico.fco.gov.uk/es/about-us/online-exhibition-bolivar/bolivar-visits-london UK in Mexico]</ref> Rèitich e leis na daoine ann an [[Sasainn]] taobh mhalairt agus fiù’s choinnich e ris an Diùc Wellington.
Thòisich e a bhith na oifigear ann an [[Tunja]] (Coloimbia na-diugh) ann an [[1813]]. Chaill Mérida dhàsan air an 23mh latha dhen [[An Cèitean|Chèitean]], is fhuair e am far-ainm An Saoradair an siud. An uair sin ghabh e seachad Trujillo agus Caracas.<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/b/bolivar.htm Biografías y Vidas]</ref> Chaidh an darna Poblachd na Bheiniseala a ghairm.
 
Ghairm Caracas a chuid neo-eisimeileachd ann an [[1811]] nuair a bha [[An Fhraing]] a’ toirt ionnsaigh air An Spàinn air taobh thall [[Cuan|a’ chuain]].<ref>[http://www.venezuelatuya.com/historia/5_julio_firma_independencia_Venezuela.htm Venezuela Tuya]</ref> Dh’ fhàs Bolívar a bhith na chornailear aig an àm sin is e fo òrdughan Miranda. Chaill na reubaltaich an iomairt sin is theich Bolívar bhon daingneach aig [[San Felipe|San Felipe]] ann an [[1812]] gus na h-oighreachdan aige. Rinn e brath air Miranda, thug e seachad e dhan na Spàinntich is le sin fhuair e cead-siubhail. Chaidh e gu [[Curaçao]].<ref>[http://www.nalis.gov.tt/Biography/Simon_Bolivar.htm Natalis]</ref> Dh’fhàg Bolívar is a càirdean air Miranda gun do rinn esan fhèin brath air [[poblachd|a’ phoblachd]] aca.
 
Thill e gu [[Cartagena de Indias]] an ceann greis is e na oifigear leis na feachdan a bha a’ sabaid an aghaidh na Spàinne. Bha e cho soirbheachail leis an iomairt armailt a thug e ri taobh na [[Abhainn|h-aibhe]] [[Abhainn Mhagdalena|Mhagdalena]] gun d’ fhuair e cead bhon riaghaltas airson ionnsaigh a thoirt air A’ Bheiniseala. Bha na reubaltaich ann an droch staing an siud, oir bha mòran de dhaoine air an iomairt a leigeil dheth is leis gun do thog na Spàinntich tòrachd chruaidh orrasan. Cha robh na daoine airson a bhith ga leantainn idir. Bha làn fhios aige gum b’ fheudar dha daoine na dùthcha a roinneadh bhon an Spàinn is bha e cinnteach dìreach cho cunnartach ‘s gum biodh na sgaraidhean eadar na reubaltaich fhèin dhan iomairt. Ghairm e Cogadh gu Bàs an aghaidh na Spàinne, is gheall e gum marbhadh e gach fear is tè, Spàinnteach neo Aimearaganach, nach tugadh taic dha na reubaltaich.<ref>[http://www.rena.edu.ve/SegundaEtapa/HISTORIA/campanasmilitares.html Rena]</ref> Ghabh e Caracas thairis ann an [[1813]] is ghairm e fhèin na [[Deachdaire|Dheachdaire]].
 
A’ dh’aindeoin sin, bha na daoine na aghaidh o chionns gu robh iad amharasach gur e dìreach gluasad daoine bheairteach nam bailtean a bh’ann na rinn e. Thug na llaneros, dròbhairean às an dùthaich is deagh shaighdearan cuideachd, an cuid taic dhan Spàinn is le sin chaidh e Caracas an an [[1814]]. Chuir na reubaltaich an greim e is iad dhen bheachd gu robh e na bu choireach. B’ fheudar do Bholìvar an dùthaich fhàgail a-rithist. Bha an Rìgh Fernando VII air ais os cionn an riaghaltais thall anns an Spàinn is Napoléon an greim ann an [[Elba]].<ref>[http://www.biografiasyvidas.com/biografia/f/fernando_vii.htm Biografías y Vidas]</ref><ref>[http://www.history.com/this-day-in-history/napoleon-exiled-to-elba History.com]</ref> Le sin, chuir an Rìgh arm mòr air dòigh is chaidh na feachdan sin do dh’Aimearaga, far an do chuir iad ruaig air na reubaltaich.<ref>[http://www.efemeridesvenezolanas.com/html/boves.htm Efemeridades Venezolanas]</ref>
 
==Air Fògradh==
Ràinig Bolívar [[Iaimeuca]] ann an [[1815]]. Sgrìobh e litir fosgailte is e ag iarraidh air an t-saoghal gu lèir gum beireadh taic dha na reubaltaich. Cha d’fhuair e taic ach bho [[Haiti]], poblachd bheag dhe seann thràillean. Chuir ceann-suidhe, [[Alexandre Pétion]] na dùthcha fàilte chridheil orrasan is taic airgid na lùib. Le sin, b’ urrainn dha na reubaltaich an iomairt aca a thoisich a-rithist. ‘S e Pétion fhèin a dhearbh do Bholívar gum bu choir dha saorsa a thoirt dha na tràillean air feadh [[Aimearaga-a-Deas]]. Thug e ionnsaigh air A’ Bheiniseala a-rithist ann an [[1816]]. B’ urrainn dha an t-[[Eilean]] Margarita a ghlacadh, is corra bailtean air oirthir [[An Roinn Charaibeach|An Roinn Charaibeach]] cuideachd. A’ dh’aindeoin sin chaill e an iomairt is thill e gu Haiti, fiù’s gun do shaoraich na tràillean a dh’aontaich iad an t-arm aige.
 
==Pearu==