An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Content deleted Content added
Loidhne 7:
’S ann ann an eileanan àird a deas [[Cuan Sèimh|a’ Chuain Sèimh]] a tha tùs-àite [[cuilc]] an t-siùcair. Bho an sin, sgaoil an [[lus]] tro [[Àisia]] na h-àird an ear-dheas gus an do ràinig e [[na h-Innseachan]]. Mu 2000 RC, thòisich cultar an t-siùcair anns na h-Innseachan ann an àird an ear-thuath a’ mhòr-roinn, far an robhar a’ dèanamh siùcair às a’ chuilc. Dh’fhoghlaim muinntir nan Innseachan mar a dhèanadh iad gràinneachan tioram à sùgh an t-siùcair mu thimcheall na bliadhna 350 no ri linn Ìompaireachd Gupta.
 
Bho na h-Innseachan, shiubhail cuilc an t-siùcair agus an siùcar fhèin tro Phersia, agus chun [[An Èipheit|na h-Èipheit]] far an robh na h-Arabaich ga ghnàthachadh. Ràinig e [[Sìona]] mun àm sin cuideachd ach mun do ràinig e Sìona, bha na Sìonaich a’ cleachdadh siùcar na dhrùis mhilis ([[siorap]]) oir, a rèir choltais, bha e na b’ fhasa a ghiùlan anns a’ chruth sin. B’ iad manaich Bhudhach a thug leotha innleachdan ùra an siùcar a chur na ghràinneachan criostail.
 
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.