An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Chaidh 69 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
=== Eachdraidh ===
 
’S ann ann an eileanan àird a deas [[Cuan Sèimh|a’ Chuain Sèimh]] a tha tùs-àite [[cuilc]] an t-siùcair. Bho an sin, sgaoil an [[lus]] tro [[Àisia]] na h-àird an ear-dheas gus an do ràinig e na h-[[Innseachan]]. Mu 2000 RC, thòisich cultar an t-siùcair anns na Innseachan ann an àird an ear-thuath a’ mhòr-roinn, far an robhar a’ dèanamh siùcair às a’ chuilc. Dh’fhoghlaim muinntir nan Innseachan mar a dhèanadh iad gràinneachan tioram à sùgh an t-siùcair mu thimcheall na bliadhna 350 no ri linn Ìompaireachd Gupta.
 
Bho na h-Innseachan, shiubhail cuilc an t-siùcair agus an siùcar fhèin tro Phersia, agus chun [[Èipheit|na h-Èipheit]] far an robh na h-Arabaich ga ghnàthachadh. Ràinig e [[Sìona]] mun àm sin cuideachd ach mun do ràinig e Sìona, bha na Sìonaich a’ cleachdadh siùcar na dhrùis mhilis ([[siorap]]) oir, a rèir choltais, bha e na b’ fhasa a ghiùlan anns a’ chruth sin. B’ iad manaich Bhudhach a thug leotha innleachdan ùra an siùcar a chur na ghràinneachan criostail.
 
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.
Mun àm seo san Roinn-Eòrpa, cha robh siùcar aithnichte don mhòr-shluagh, ged a bha iomradh ga thoirt air bho thaobh leigheas, ach chuir saighdearan Eòrpach a bha a’ sabaid san Ear Mheadhanach, eòlas air agus thugadh dhachaigh leotha e an dèidh cogaidhean a’ chreideimh.
 
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc. Rè nan linntean a lean sin, stèidhicheadh planntachasan siùcair ann an àird a deas na h-Eòrpa, ann an [[Ameireaga]] a Deas, anns an Roinn Charaibeach (Innseachan na h-Àird an Iar) agus iomadh àite eile. Mun 17mh linn, bha malairt an t-siùcair a’ sìor fhàs mòr, agus bhathar a’ cleachdadh innealan ùra airson a dhèanamh. B’ iad [[an Fhraing]] ri linn [[Napoleon]] agus [[a’ Ghearmailt]] gu sònraichte a thug leasachadh mòr air dèanamh agus giollachd an t-siùcair.
 
 
1,526

deasachadh