An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rudha Stòir"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 7:
'S e àrd-chomharradh do mharaichean a th' ann, agus tha [[taigh-solais]] ann ris an canar ''Ru Stoer Lighthouse'' no ''Stoer Head'' sa Bheurla. Chaidh a togail le David agus Thomas Stevenson ann an 1870. Tha e 14 metair a dh'àirde, ach tha an [[solas]] aige mu 54m os cionn na [[muir|mara]]. Anns na seann làithean bha neach-glèidhidh a bha a' coimhead an dèidh an t-solais a' fuireach an seo còmhla ris an teaghlach aige. Tha taigh an neach-glèidhidh aig an ''National Trust for Scotland'' an-diugh agus tha iad a' toirt seachad e air mhàl do luchd-turais. Chithear fail-mhuc faisg air an taigh far an do chum an neach-gleidhidh an sprèidh aige. Bho 1978 a-mach tha an taigh-solais a' ruith leis an ''Northern Lighthouse Board'' ann an [[Dùn Èideann]], agus mar sin dh'atharraich dòigh-obrach an t-solais, tha e fèin-obrachail an-diugh.
 
Tha tobhta den stèisean reudar às [[an Dàrna Cogadh]] shuas air a’ chnoc. Rud beag san earra-dheas air Rudha Stòir tha stac-mara ainmeil ris an canar [[Bodach Stòrr]].
 
== Iomraidhean ==