An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Meatailt throm"

Content deleted Content added
No edit summary
+fiosrachadh
Loidhne 1:
'S e modh ciùil a tha ann am meatailt throm (neo meatailt) similear gu [[ròc|ceòl ròc]]. Dh'èirich an stoidhle seo anns na 1960an/1970an. Dh'fhàs e bhon stoidhle [[ròc]] agus [[blues]]. Tha am fuaim làidir, reamhar, tomadach gu tric le casadh ([[Beurla]] distortion), fonngiotàr aon-neach le giotàrfada, buille làidir agus faram le liricean agus coilionadhcoilionaidhean ionnsaigheach.
 
==Comharraidhean==
 
Mar is trice tha drummaichean, giotàr beus, giotàr ruitheam, prìomh ghiotàr, agus seinneadair ann an còmhlan-meatailt. Tha innealan eile air chleachdadh uaireannan cuideachd.
 
===Am Prìomh Ghiotàr===
 
'S e am prìomh phàirt de ceòl meatailt throm a th' air giotàr dealain agus a leudachadh. Tha am [[prìomh ghiotàr]] a' cluich binnean, earrannan innealach, agus giotàr aon-neach. 'S e giotàr feart a th' ann. Mar as tric tha na binnean aige a' cleachdadh pongan singilte no [[double stops]].
 
===Roinn Ruitheam===
Tha an [[giotàr ruitheam]] a' cuir taic ris a' phrìomh giotàr, a' cluich co-cheòl agus ag obair le drummaichean agus [[giotàr beus]] air a bhith nan roinn ruitheam. Tha am prìomh phàirt seo a' dol an aghaidh pàirt aig an seinneadair no “frontman”, agus tha e a' cruthachadh teannachadh agus farpais cheòlach.
 
===An Seinneadair===
Gu h-àbhaisteach tha an guth binn agus gharg cuideachd. Mar eisimpleir tha binneas glan aig am fonn, ach ann an rannan tha guth garg air chleachdadh.
 
===Faclan===
Mar modh ciùil eile, tha ceòl meatailt a' dèiligeadh le cuspairean leathann. Gu tric, tha na cuspairean gu math dorcha agus anns na 70ean agus 80ean bha dragh air daoine airson bha mòran òrain mu dheidhinn olc agus adhradh diabhail. Chan eil e mi-àbhaisteach airson cluicheadairean a chruthachadh connspaideach leis na faclan aca.
 
 
 
 
 
As dèidh ùine, thòisich diofar sheòrsa de cheòl meatailt - mar [[meatailt dubh]], [[meatailt marbh]], [[meatailt gothic]] agus [[meatailt cumhachd]] - agus mar sin a' nochdadh. Tha dà chiall aig meatailt: an ceòl seo gu lèir, neo na còmhlan is trath, a bha a' cluich an stoidhle nas traidiseanta anns na 70ean. 'S e [[Black Sabbath]], [[Van Halen]] agus [[Judas Priest]] eisimpleirean de na comhlann seo.