An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"

Content deleted Content added
Cunntas nas fhaide air na th' ann an siùcar, agus air eachdraidh - fiosrachadh cruinnichte à Wikipedia na Fraingis 's Iapanais
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Sugar 2xmacro.jpg|thumb|250px|Criostallan siùcair fon phrosbaig]]
 
== Siùcar ==
'S e stuth milis leis an fhormula ceimigeach [[Gualan|C]]<sub>12</sub>[[Haidreagain|H]]<sub>22</sub>[[Àile-beatha|O]]<sub>11</sub> a th'ann ann '''siùcar'''. Gheibhear e gu h-àraidh bho lusan mar mheacan-siùcair agus cuilcean-siùcair.
 
’S e siùcar an t-ainm coitcheann a th’ air stuth milis a gheibhear à cuilc an t-siùcair, no às a’ bhiatas shiùcrach. Faodar bathar a chruthachadh às a’ bhiatas shiùcrach agus à lusan eile, anns a bheil sucros na phrìomh thàth-chuid. Anns an aon teaghlach ri sucros, gheibhear glùcos , fructos (siùcar à measan) is siorap arbhair a tha air an cleachdadh le gnìomhachasan a’ bhìdh. Thathar a’ tarraing nan stuthan siùcrach sin à caochladh seòrsa lusan, mar as trice ann an cruth sioraip.
 
=== Eachdraidh ===
 
Siùcar
’S e siùcar an t-ainm coitcheann a th’ air stuth milis a gheibhear à cuilc an t-siùcair, no às a’ bhiatas shiùcrach. Faodar bathar a chruthachadh às a’ bhiatas shiùcrach agus à lusan eile, anns a bheil sucros na phrìomh thàth-chuid. Anns an aon teaghlach ri sucros, gheibhear glùcos , fructos (siùcar à measan) is siorap arbhair a tha air an cleachdadh le gnìomhachasan a’ bhìdh.
Thathar a’ tarraing nan stuthan siùcrach sin à caochladh seòrsa lusan, mar as trice ann an cruth sioraip.
Eachdraidh
’S ann ann an eileanan àird a deas a’ Chuain Sèimh a tha tùs-àite cuilc an t-siùcair. Bho an sin, sgaoil an lus tro Àisia na h-àird an ear-dheas gus an do ràinig e na h-Innseachan. Mu 2000 RC, thòisich cultar an t-siùcair anns na Innseachan ann an àird an ear-thuath a’ mhòr-roinn, far an robhar a’ dèanamh siùcair às a’ chuilc. Dh’fhoghlaim muinntir nan Innseachan mar a dhèanadh iad gràinneachan tioram à sùgh an t-siùcair mu thimcheall na bliadhna 350 no ri linn Ìompaireachd Gupta.
 
Bho na h-Innseachan, shiubhail cuilc an t-siùcair agus an siùcar fhèin tro Phersia, agus chun na h-Èipheit far an robh na h-Arabaich ga ghnàthachadh. Ràinig e Sìona mun àm sin cuideachd ach mun do ràinig e Sìona, bha na Sìonaich a’ cleachdadh siùcar na dhrùis mhilis (siorap) oir, a rèir choltais, bha e na b’ fhasa a ghiùlan anns a’ chruth sin. B’ iad manaich Bhudhach a thug leotha innleachdan ùra an siùcar a chur na ghràinneachan criostail.
 
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.
 
Mun àm seo san Roinn-Eòrpa, cha robh siùcar aithnichte don mhòr-shluagh, ged a bha iomradh ga thoirt air bho thaobh leigheas, ach chuir saighdearan Eòrpach a bha a’ sabaid san Ear Mheadhanach, eòlas air agus thugadh dhachaigh leotha e an dèidh cogaidhean a’ chreideimh.
 
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc.
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc. Rè nan linntean a lean sin, stèidhicheadh planntachasan siùcair ann an àird a deas na h-Eòrpa, ann an Ameireaga a Deas, anns an Roinn Charaibeach (Innseachan na h-Àird an Iar) agus iomadh àite eile. Mun 17mh linn, bha malairt an t-siùcair a’ sìor fhàs mòr, agus bhathar a’ cleachdadh innealan ùra gan airson a dhèanamh. B’ iad an Fhraing ri linn Napoleon agus a’ Ghearmailt gu sònraichte a thug leasachadh mòr air dèanamh agus giollachd an t-siùcair.