An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Ath-Leasachadh"

Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 29:
== Buil ==
=== anns a’ Ghearmailt ===
Chaidh am foillseachadh tron chlò-bhualadh ùr gu math luath eadar a h-uile duine. O chionn ’s gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhaidh, chleachd iad na h-argamaidean Lùtair airson an eaglais fhagail. Theich mòran [[manaich|manachanmhanachan]] agus caileachan dubha às na manachainnean cuideachd. Cha robh na Reichfürsten deonach airgead a phàigeadh don Phàpa tuilleadh. Mar sin chaidh iad uile ri cheile airson eaglais nuadh a steidheachadh ris an cante [[Eaglais Prôstanach|Eaglais Phròstanach]]. Thàinig an t-àinm bhon fhacal Ghearmailteach „Protest“ a tha a’ ciallachadh casaid, gearan.
 
Ach bha an t-Ìompairear trang anns a’ chogadh an aghaidh nan Tuirceach. Nuair a chunnaic e, dè bha a’ tachairt anns [[a' Ghearmailt]], bha e ro fhadalach. Bha cogadh ann eadar sgìrean [[Caitligeach]] agus sgìrean Pròstanach air feadh na Gearmailt. O chionn ’s gun robh e a’ crochadh nan daoine uaisle, thàinig lagh ùr: „wessen Land, dessen Glaube “. B’ e sin a’ ciallachadh: Nan robh creideamh Pròstanach aig an duine uaisle, b’ fheudar a h-uile duine anns an sgìre aige a bhith nan Pròstanaich cuideachd. Ach b’ e sin an t-abhbhar airson „cogadh airson 30 bliadhna“ 100 bliadhna an-dèidh sin.